Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook
Transfiguration pending
Jump to content

Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar

O Uicipeid
Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
Ball Aonghas Dòmhnallach
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba
Luchd-bhòtaidh 77,027
Mòr-chuid 2,160
A' chiad taghadh 2024

'S e tè de na sgìrean phàrlamaid Westminster na h-Alba a tha ann ann Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar.

Chaidh a chruthachadh airson taghadh Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte 2024 is i ann an crìoch ri Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear, Moireibh an Iar, Inbhir Narann agus Srath Spè, Aonghas agus Glinn Siorrachd Pheairt is Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas.[1]

Am measg nan tagraichean airson an taghaidh ann an 2024 bha Drew Hendry a riochdaich Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè airson nan Nàiseantach eadar 2015 agus 2024 agus Angus MacDonald airson nan Lib-Deamach.[2] Stèidhich Mgr Dòmhnallach an Highland Cinema anns a' Ghearasdan agus 's ann aige a tha an Highland Bookshop anns an aon baile. Sgrìobh e trì nobhailean mu dhèidhinn Àrdnais.[3]

Bhuannaich an Dòmhnallach ach cha do ghairm na h-ùghdarrasan Dihaoine na toraidhean is a h-uile duine fhathast na dhùisg aig 9 uairean sa mhadainn.[4]

Taghadh Ball Pàrtaidh Bhotaichean Mòr-chuid Iomradh
2024 Angus MacDonald Libearal Deamocratach 18,159 2160 [5]

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 2023 Review of UK Parliament Constituencies”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2024.
  2. An Taghadh: Tagraichean Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach is Ros an Iar”. Naidheachdan a' BhBC. Air a thogail 8mh dhen Ògmhios 2024.
  3. Angus MacDonald”. Birlinn Ltd. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2024.
  4. An Taghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 7mh dhen Iuchar 2024. 
  5. Aonghas Dòmhnallach air a thaghadh”, Naidheachdan a' BhBC. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2024. 

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]