Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Ciamar a bhios am BBC a’ cleachdadh cookies airson sanasachd?

Air ùrachadh: 16 An Giblean 2019

Tha am BBC a’ giùlain shanasan air apps agus an làrach-lìn dha luchd-cleachdaidh taobh a-muigh na RA. Tha sinn a’ cleachdadh an teachd a-steach airson pàigheadh airson seirbheisean BBC agus airson cumail an cead-craolaidh, pàighte le dachaighean san RA, nas ìsle na dh’fhaodadh e bhith.

Tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall, a’ cleachdadh teicneòlas adhartach, airson dèanamh cinnteach nach tèid sanasachd fhaicinn ach a-mhàin le daoine taobh a-muigh na RA. Ma tha thu a’ coimhead air an làraich is tu taobh a-staigh na RA is gu bheil thu a’ faicinn shanasan, bhitheamaid nad chomain nan cleachdadh tu am foirm seo airson fios a leigeil thugainn cho luath ’s a ghabhas.

Ma tha thu air sanasachd fhaicinn air na seirbheisean air-loidhne againn a tha thu smaoineachadh a tha neo-iomchaidh, bhitheamaid nad chomain nan leughadh tu na Ceistean Cumanta seo airson comhairle.

Am bi am BBC a’ cleachdadh mo dhàta gus sanasan nas pearsanaichte a shealltainn dhomh?

Dìreach ma tha sanasachd air an t-seirbheis a tha thu a’ cleachdadh.

Ma tha thu san RA agus a’ cleachdadh apps agus làrach-lìn a th’ air a mhaoineachadh leis a’ Chìs Chraolaidh, cha bhi sanasachd air na seirbheisean seo agus cha tèid do dhàta a chleachdadh air adhbharan sanasachd. Ma tha thu a’ cleachdadh ar seirbheisean air taobh a-muigh na RA, no ma tha thu a’ cleachdadh app no làrach BBC a th’ air a mhaoineachadh gu coimeirsealta, dh’fhaodadh sinne agus ar com-pàirtichean dàta mu d’ inneal a chruinneachadh airson anailis (me do sheòladh IP agus IDan cookie) agus fios mu mar a bhios tu a’ cleachdadh ar seirbheisean (me na h-artaigealan a bhios tu a’ leughadh).

Dh’fhaodadh gun cruinnich sinne agus ar luchd-sanasachd dàta bhuat bho sheirbheisean air-loidhne eile airson sanasachd a tha freagarrach a thoirt thugad. Cuidichidh an dàta sinne agus ar luchd-sanasachd gus beachd a thoirt air dè na sanasan a dh’fhaodadh a bhith inntinneach dhutsa agus anns am biodh ùidh agad. ‘S e Sanasachd Cleachdaidhean Air-loidhne (OBA) no sanasachd a tha stèidhichte air an eadar-lìon a tha seo. Chan eil sanasachd sam bith a tha sinne a’ toirt thugad gu tur stèidhichte air an dàta agad no air gnothaichean sa bheil ùidh agad. Thèid sanasachd co-theacsail a thoirt thugad, sin sanasan stèidhichte air na bhios tu a’ coimhead, mar eisimpleir ma bhios tu a’ leughadh artaigil mu shiubhal, dh’fhaodadh gu seall sinn sanasan mu chompanaidhean adhair dhut.

Bidh sinn a’ cleachdadh OBA gus ar cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh ar seirbheisean air-loidhne le bhith toirt thugad nas lugha de shanasan buntainneach. Tha seo cuideachd a’ ciallachadh gum faigh sinn an luach as fheàrr bho ar luchd-sanasachd airson a chur ri stuthan ùra.

Tracadh Tar-inneal

Dh’fhaodadh tracadh a dhèanamh air làraich-lìn, innealan agus apps sam bith a bhios tu a’ cleachdadh. Mura bheil thu air logadh a-steach gu seirbheis lìn, dh’fhaodar gum feuch sinn ri ceangal a dhèanamh eadar d’ innealan, leithid an laptop is am fòn agad airson sanasachd a tha freagarrach a thoirt thugad.

Gus seo a dhèanamh, bidh ar com-pàirtichean teicneòlais a’ roinn dàta leithid pàtrain brobhsaidh, geo-lorgaidh agus aithnichearan inneil, agus thèid fiosrachadh bhon bhrobhsair agus na h-innealan a tharraig ri chèile ma tha iad air an cleachdadh leis an aon neach.

Àiteachan dàta eile

Dh’fhaodadh sinn dàta bho bhuidhnean fa-leth a chleachdadh gus ar cuideachadh ann a bhith a’ dearbhadh dè dh’fhaodadh còrdadh riut. Bidh sinn cuideachd a’ ceannach àiteachan sanasachd air làraich eile far am faod sinn sanasan a thoirt thugad. Cha bhi sinn a’ gleidheadh fiosrachadh mu d’ eachdraidh brobhsaidh air na làraich sin nuair a bhios sinn a’ dèanamh seo. Uaireannan bidh an luchd-sanasachd againn a’ cleachdadh an dàta margaidheachd aca fhèin gus iomairtean sanasachd a thoirt thugad air làraich a’ BhBC. Leis an sin, ‘s dòcha gum faic thu sanasan stèidhichte air nithean a tha thu air a bhith a’ coimhead air làraich eile agus fiosrachadh a chaidh a chruinneachadh mud dheidhinn. Cha bhi iad a’ cur am fiosrachadh seo thugainn.

 

Faigh a-mach tuilleadh…

Tha roinn an t-sanasachd air grunn iomairtean gnothachais agus buidhnean a chur air chois san Roinn Eòrpa, sna SA agus ann an roinnean eile. Bidh na h-iomairtean seo a’ gabhail a-steach na modhan as fheàrr dha companaidhean a tha an sàs ann an sanasachd, iùil luchd-cleachdaidh airson OBA agus innealan ro-aonta.

European Interactive Digital Advertising Alliance (EDAA)
Digital Advertising Alliance (DAA)
Network Advertising Initiative (NAI)

Ciamar a bhios luchd-sanasachd agus com-pàirtichean a’ BhBC a’ cleachdadh cookies?

Tha ar sanasachd air a thoirt thugad tro ar com-pàirtichean sanasachd. Leigidh na cookies a tha an cois na sanasan leinne is leothasan tomhas dè cho èifeachdach ‘s a tha na sanasan. Dh’fhaodadh ar luchd-sanasachd agus na h-àidseantan aca cookies a chleachdadh a tha iad air an stèidheachadh air d’ inneal nuair a tha thu a’ brobhsadh tro làraich eile. Bidh iad a’ dèanamh seo ach am bi fios aca gu bheil thu air sanas sònraichte fhaicinn no airson a mhaidseadh ris an stòr-dàta aca. Leigidh seo dhaibh an àireamh de shanasan a chì thu air an eadar-lìon a chuingealachadh agus, ma tha thu air pàirt a ghabhail ann an rannsachadh margaidheachd, dh’fhaodadh gun dearbh an companaidh rannsachaidh gu bheil thu air sanas sònraichte fhaicinn.

Tha companaidh sam bith dhan toir sinn cead tagaichean no còd a chur air ar làraich air an sgrùdadh gus dearbhadh gun tèid aca air dèiligeadh gu ceart ris an dàta agadsa. Tha e ceadaichte dhaibh ge-tà dèiligeadh ris an dàta san dòigh aca fhèin agus an urra ri na modhan prìobhaideachd aca fhèin (faic liosta gu h-ìosal de na prìomh chom-pàirtichean sanasachd againn). Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil dàta ar luchd-cleachdaidh air a dhìon agus gu bheilear a’ leantainn ar poileasaidhean. Mar eisimpleir, le bhith a’ cleachdadh com-pàirtichean sanasachd teicneòlais a bhios a’ gabhail pàirt ann an frèamaichean riaghailteachais (leithid EDAA, DAA no NAI) agus a’ cur bacadh air mar a tha dàta brobhsaidh bho ar seirbheisean air a chleachdadh. Bidh sinn cuideachd a’ ruith seirbheisean treas pàrtaidh air ar làraich gus bathar-bog droch-rùnach agus cookies a tha cunnartach a lorg.

Ar Prìomh Chom-pàirtichean Sanasachd

Tha liosta de ar prìomh chom-pàirtichean sanasachd gu h-ìosal. Tha na companaidhean fo chùmhnant BBC ach bidh an dàta a bhios iad a’ cruinneachadh an urra ri na poileasaidhean prìobhaideachd aca fhèin. ’S dòcha gum bi e ceadaichte do chompanaidhean eile cookies agus teicneòlas lorgaidh a chleachdach gus fios a thional mu do dhòighean cleachdaidh air làraich-lìn agus mu shanasachd. Cliog orra airson tuilleadh fiosrachaidh agus airson cothrom bacadh a chur air do dhàta a bhith air a chleachdadh air adhbharan OBA.

Malairteachd, seirbheiseachadh agus sanasan

Google DoubleClick, AdSense and AdWords
Index Exchange
Juice Mobile
OpenX
Rubicon Project
TripleLift
Videology

Manaidsearachd dàta & tracadh thar-inneal

Lotame

Tomhas dàta agus com-pàirtiche dàta

DataXu

Puist-d le sanasan targaideachaidh

LiveIntent

Molaidhean (stèidhichte air modhan giùlain)

Outbrain

Ciamar a chuireas mi bacadh air?

Mur a bheil thu airson ‘s gun tèid fiosrachadh mud bhrobhsadh a chleachdadh airson sanasachd a thoirt thugad air an làrach seo, faodar bacadh a chur air an leithid mar a chì thu gu h-ìosal. Faodar bacadh a chuir air leis na ceanglaichean gu h-àrd cuideachd.

Ma roghnaicheas tu bacadh a chuir orra, nochdaidh sanasan ach ‘s dòcha nach bi iad cho freagarrach agus a rèir d’ ùidhean.

Atharraich do sheataidhean brobhsair

Faodar bacadh a chuir air na tha thu a’ brobhsadh a bhith air a ghleidheadh le bhith ag atharrachadh do sheataidhean brobhsair, a bhith a’ brobhsadh ann an ‘dreach dìomhair’ no le bhith a’ cleachdadh ‘add-ons’. Faigh a-mach mar a nì thu seo le bhith tadhal air duilleig taic do bhrobhsair, no le bhith cleachdadh taic air do bhrobhsair.

Apple Safari
Google Chrome
Microsoft Internet Explorer
Mozilla Firefox
Opera browser

Innealan Ad Choices airson brobhsairean

Faodaidh tu taghadh bacadh a chuir air sanasachd air an làrach seo no air an eadar-lìon sa chumantas le bhith a’ cleachdadh innealan ro-aonta bho bhuidhnean sanasachd, leithid:

European Interactive Digital Advertising Alliance (EDAA)
Digera browserital Advertising Alliance (DAA)
Network Advertising Initiative (NAI)

Ad choices airson innealan mobile

Ma tha thu a’ cleachdadh seirbheisean a’ BhBC tro bhrobhsair air d’ inneal mobile, bu chòir na ceumannan gu h-àrd a leantainn. Bidh innealan mobile a’ cleachdadh teicneòlasan eadar-dhealaichte airson d’ inneal aithneachadh. Gus bacadh a chuir air an dàta agad bho bhith air a chleachdadh gus sanasan a thoirt thugad air apps, bu chòir na ceumannan gu h-ìosal a leantainn.

Apple iOS
1. Rach gu Settings > Privacy > Advertising.
2. Cuir air Limit Ad Tracking.
Tadhal air duilleag taic Apple airson tuilleadh fiosrachaidh.

Google Android
1. Rach gu Settings.
2. Tagh Google ann an earran Accounts.
3. Tagh Ads anns an earrann Prìobhaideachd.
4. Tagh Opt out bho sanasan eadar-lìon.
Tadhal air duilleag taic Google airson tuilleadh fiosrachaidh.

Microsoft Windows
1. Rach gu Settings
2. Brùth air Privacy.
3. Brùth air Advertising ID, agus cuir dheth Let apps use my advertising ID air na h-apps.
Tadhal air duilleag taic Microsoft airson tuilleadh fiosrachaidh.

Fios thugainn

Cuir brath gu sgioba Dàta Protection aig BBC Studios ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth ort.

Tagh cànan: EnglishCymraeg