Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

40 bliadhna de Dhrochaid Cheasaig

  • Air fhoillseachadh
Drochaid Ceasaig ga togailTùs an deilbh, Scottish Roads Archive
Fo-thiotal an deilbh,

Thug an drochaid ceithir bliadhna a thogail

Tha 40 bliadhna ann Disathairne bho dh'fhosgail Màthair na Banrighinn Drochaid Cheasaig.

Chosg i £30m - mu £100m ann an airgead an là an-diugh.

Tùs an deilbh, Scottish Roads Archive
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh tràth a' sealltainn talamh bàin far a bheil stèidiam Chaley Thistle an-diugh

B' i am pròiseact einnseinnìridh a bu chosgaile a-riamh air a' Ghàidhealtachd aig an àm. Gu dearbha, b' i an drochaid as motha de a seòrsa san Roinn Eòrpa aig an àm.

Mus deach a togail bha mòran a' gearain air cho doirbh 's a bha e faighinn a dh'Inbhir Nis - an dàrna cuid air aiseag bheag no air rathad lùbach a' bha a' sìor fhàs trang.

Tùs an deilbh, Scottish Roads Archive
Fo-thiotal an deilbh,

Bhuannaich fear a bha ag obair air an drochaid geall le bhith a' bualadh ball goilf tarsainn air a' bheàrn mu dheireadh mus deach a lìonadh

Sheòl Aiseag Cheasaig airson an turas mu dheireadh san t-Iuchar 1982 nuair a dh'fhosgail an drochaid do thrafaig, dìreach seachdainnean mus do dh'fhosgaileadh i gu h-oifigeil air 6mh là den Lùnastal.

Chaidh a dealbh leis an einnsinnìreach Ghearmailteach Hellmut Homberg, gus an seasadh i ri fìor dhroch aimsir, agus, nam feumadh i, ri crithean-talamhainn, leis gu bheil i a' dol tarsainn air sgaradh geòlais a' Ghlinne Mhòir.

Thathas a' tomhas gum bi mu 30,000 carbad a' cleachdadh na drochaid a h-uile là a-niste.