Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Buaidh eaconomach bhriseadh nan aiseagan

Tha fianais a' sìor thighinn am follais air a' chron a tha briseadh sna seirbheisean aiseig a' dèanamh air eaconomaidh nan Eilean Siar.

Gu dearbha tha feadhainn ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba airgead-dìolaidh a phàigheadh mu choinneimh sin.

Tha Ann NicGilleFhaolain aig a bheil làrach campachaidh Bhaile Raghnaill ann an Uibhist a Tuath ag ràdh gun do chaill iad còrr air £1,500 le buaidh an Hebrides a bhith briste an t-seachain seo chaidh.