Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Sligeach thearc air a lorg an Cataibh

  • Air fhoillseachadh
Dealbh de dh'ostracodTùs an deilbh, Dominika Wroblewska
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh a rinn an rannsaiche, Dominika Wroblewska, den astrocod thearc

Chaidh ostracod tearc, meanbh shligheach mu 1mm de dh'fhaid, a lorg air turas rannsachaidh air a' Ghàidhealtachd.

Tha dithis rannsaichean, an Dtr Lee Knight agus Dominika Wroblewska, air aithris mu na fhuair iad fhoillseachadh san iris shaidheansail Cave and Karst.

Thug iad sampallan bho 32 làrach an Alba; bha làraichean ann an Asainte, Taobh Siar Rois, an t-Eilean Sgitheanach agus cuideachd Uamh Smugha ann an Diùranais nam measg.

Fhuair an luchd-rannsachaidh taic bho dhithis de mhaoir-dhùthcha High Life Highland, Dòmhnall Mitchell agus Imogen Furlong.

Tùs an deilbh, Imogen Furlong (HLH Sport & Leisure)
Fo-thiotal an deilbh,

Maor-dùthcha High Life Highland, Dòmhnall Mitchell (air an taobh chlì), agus an Dtr Lee Knight

Am measg nan 130 gnèithichean fa leth a fhuair iad sna h-uamhan bha nimfichean tharbhan-nathrach, cuileagan caddis agus greollain-uisge.

Thathar den bheachd gum faodadh gur e an ostracod a lorgadh a' chiadh fhear riamh a chaidh a chlàradh an Alba.

Thuirt an Dtr Lee Knight: "Tha sinn den bheachd, ged nach eil sin gu tur cinnteach às, gur e gnè air a bheil Fabaeformiscandona latens a fhuair sinn ann an Allt nan Uamh agus aig Uaimh Smugha.

"Tha iad seo air leth cudromach oir tha a' ghnè seo gu math tearc am Breatainn."