Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Coimhearsnachd fo bhròn

Chaidh casaid muirt agus trì casaidean de dh'oidhirp air murt a chuir as leth fireannaich, aois 39, co-cheagailte ri ionnsaighean san Eilean Sgitheanach agus ann an Loch Aillse Diciadain.

Dhearbh na poilis gur e John MacFhionghain, aois 47, a chaidh a mharbhadh sna h-ionnsaighean a thachair aig trì diofar làraichean.

Tha a' choimhearsnachd air an uabhasachadh leis na thachair.

Bhruidhinn Gilleasbuig Dòmhnallach ri cuid de riochdairean na sgìre.