Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Àrd-sgoil ùr do Mhuile?

  • Air fhoillseachadh
Àrd-sgoil Thobar MhoireTùs an deilbh, Gordon Hatton/Geograph

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid a' beachdachadh air iarrtas gu Riaghaltas na h-Alba 'son àrd-sgoile ùire ann am Muile.

'S i Àrd-sgoil Thobar Mhoire an aon àrd-sgoil anns an sgìre chomhairle a thathas a' meas aig ìre "C" a thaobh cho freagarrach 's a tha i.

Ged a bhiodh fàilte air sgoil ùir tha diofar bheachdan ann air càite am bu chòir a togail.

Chaidh àrd-sgoil Thobar Mhoire a thogail anns na 1980an is tha an togalach ann an droch staid agus a' Chomhairle ag ullachadh airson maoineachadh iarraidh air an Riaghaltas airson sgoil ùr a thogail.

Seann Togalach

Chuir na bha an làthair aig coinneimh chomhairleachaidh oidhche Ardaoin taic ris a' mholadh.

"Tha sinn ann an èiginn taic a chur ri sgoil ùr, no campas ùr sgoile a thogail ann an àite air choireigin am Muile," thuirt co-chathraiche Comhairle nam Pàrant, Alasdair McCrone.

"Saoilidh mi, o chionn grunn bhliadhnaichean a-niste, gu bheil co-thuigse air a bhith ann nach eil an sgoil a th' againn an seo freagarrach idir," thuirt e.

Tha Cailean Moireasdan, a tha na phàrant, ag aontachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud uabhasach cudromach a th' ann gu bheil iad a-nis a' faighinn a-mach gu bheil sinn ag iarraidh sgoile ùire, oir tha an sgoil an seo gu math sean a-nis," thuirt e.

Rathad Mòr

Tha trioblaid ann ge-tà, agus an làrach ann an Tobar Mhoire ro fhada air falbh airson cuid de chloinn na sgìre a bhith ga frithealadh.

Tha dà uair an uaireadair air an rathad eadar an Ros Muileach agus Eilean Ì.

Bidh clann às an sgìre sin a' dol gu Àrd-Sgoil an Òbain air tìr-mòr, far a bheil iad a' fuireach anns an ostal tron t-seachdain.

Tha sin a' cur bacadh air cuid de theaghlaichean òga a bhith a' gluasad dhan sgìre.

"Tha mo mhàthair 's m' athair an seo, 's tuathanas aca," thuirt Nicola Lockhart.

"B' fhìor mhath leam mo chuid chloinne a thogail timcheall air an tuathanas, agus timcheall orra fhèin.

"'S e sin am plana a th' againn.

"Ach gu follaiseach, le mar a th' aig cloinn fhathast ris an dachaigh fhàgail 's fuireach san ostal aig an àrd-sgoil, tha mi an dùil gum feumainn an sgìre fhàgail a-rithist," thuirt i.

Chaidh argamaid a dhèanamh ge-tà, gum biodh fiù 's Creag an Iubhair ro fhada air falbh, co-dhiù do sgoilearan à Eilean Ì.

Eileanan Eile

Thog diofar dhaoine a' phuing gum bu chòir an rathad mòr a leasachadh cuideachd.

"Cha chreid mi gum feum e a bhith dùbailte," thuirt Sandy Brunton.

"Chan fheum e a bhith - ach tha mòran àiteachan aig a bheil rathad mar sin, agus mòran eileanan cuideachd, fhios agad?

"Tha a' mhòr-chuid de na prìomh rathaidean ann an Ìle dùbailte, agus a' mhòr-chuid de na h-Eileanan Siar.

"Chan eil mi ag ràdh gum feum an rathad mòr againne a bhith dùbailte - 's e na tha mi ag ràdh, gum feum sinn coimhead air an dealbh nas fharsainne.

"Dè dh'fheumas sinn a dhèanamh airson na h-eileanan againn a dhèanamh nas seasmhaiche?

"Ma tha againn ri bhith a' cumail oirnn a' cur na cloinne às an seo, às an Ros Mhuileach agus Ì, dhan Òban, agus ma tha dùil gun dèanamaid sin, bidh a' chlann sin gu bràth, mar a bha mi fhèin nam là, a' faireachdainn ceangail nas làidire ri tìr-mòr na tha ri ceann a tuath Mhuile," thuirt e.

Cothrom

Tha beachd ann cuideachd gum biodh argamaid nas làidire ann nam biodh iad airson an sgoil a ghluasad gu àite eile airson an t-eilean air fad a ghabhail a-steach.

"Ma chuireas tu iarrtas a-steach a tha dìreach ag ràdh gu bheil sinn ag iarraidh sgoile san aon àite ris an t-seann sgoil leis nach do choimhead sinn às a dèidh, chan eil cùis agad," thuirt Jenna Greenhalgh, a tha na deasaiche air an iris ionadail Mun Cuairt air Muile is Eilean Idhe.

"Nan deadh againn air a ràdh gu bheil an sàr-bheachd a tha seo againn an t-àrd-sgoil a chur an àite ùr, 's an còrr den chloinn air fad a thoirt a-steach, b' e fìor dheagh rud a bhiodh an sin."

Chan eil a h-uile duine san Ros Mhuileach den bheachd sin, agus gu leòr a' smaoineachadh gur e deagh chothrom a th' ann do dhaoine òga Àrd-Sgoil an Òbain a fhrithealadh.

Cuiridh a' Chomhairle iarrtas a-steach do Riaghaltas na h-Alba airson dàrna leth na cosgais, 's dh'fheumadh iad fhèin an leth eile a ghiùlain.

Faodaidh daoine coimhead air na molaidhean air làrach-lìn na Comhairle, taobh a-muigh, agus tha iad airson beachdan an t-sluaigh a chluinntinn.