Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Fear aois 82 air crìoch a chur air na Rothaich

  • Air fhoillseachadh
Nick GardnerTùs an deilbh, PA Media

Tha fear, 82 bliadhna de dh'aois, à Geàrrloch air na beanntan Rothach uile ann an Alba a shreap.

Tha Nick Gardner, a bha na thidsear, a-nis ga chur air adhart mar an neach as sine riamh a th' air na Rothaich uile a shreap, ann an clàr na cruinne aig Guiness.

Chuir Mghr Gardner roimhe seo a dhèanamh nuair a chaidh a bhean a dh'fhuireach ann an dachaigh-cùraim.

Bha Mgr Gardner 80 aig an àm, is bha a bhean Seònaid dìreach air a dhol gu dachaigh-cùraim is i a' fulang le tinneas Alzheimer is osteoporosis.

Cha robh Mgr Gardner riamh air Rothach - beinn a tha nas àirde na 3,000 troigh - a shreap mus do thòisich e bho chionn dà bhliadhna.

Pìobaire

Às dèidh dha tòiseachadh air na Rothaich, chòrd an gnothach ris gu mòr is dh'innis e gu bheil sreapaidearan eile a-nise tric ga aithneachadh is ag èigheach Nick air, nuair a tha e anns na beanntan.

B' e Càrn Gorm sa Mhonadh Ruadh an Rothach mu dheireadh air an liosta a shreap e Didòmhnaich, far an robh pìobaire a' feitheamh ris agus sreath de dhaoine bhon teaghlach aige agus luchd-coiseachd eile an làthair airson an là a chomharrachadh.

Gu ruige seo, tha e air £71,000 a thogail do dh'Alzheimer na h-Alba agus Comann Rìoghail Osteoporosis.

Is dh'innis e gun lean e air a' sreap is a' coiseachd nuair a tha an dùbhlan seo seachad.