Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Iarrtas fiosrachaidh às dèidh tubaiste mairbhtich

  • Air fhoillseachadh
Soidhne tubaiste nam Poileas

Tha na poilis air a' Ghàidhealtachd a' sireadh tuilleadh fiosrachaidh às dèidh do dh'fhireannach bàsachadh ann an tubaist rathaid air an A836 faisg air a' Bhlàran Odhar.

Bha trì carbadan an-sàs anns an tubaist, a thachair mu 5.40f. Dihaoine.

Bhàsaich fireannach, 63 bliadhna de dh'aois, agus a bha air motor-baidhseagal dubh Yamaha aig làrach na tubaiste.

Bha bhan gorm Fiat Doblo agus càr gorm Vauxhall cuideachd an-sàs.

Chaidh boireannach, 56 bliadhna de dh'aois, agus a bha cuideachd air a' mhotor-baidhseagal a thoirt gu ospadal an Rathaig Mhòir.

Tha eòlaichean-slàinte ag ràdh gu bheil i ann an stàit ìosal ach nach eil a beatha ann an cunnart.

Rathad dùinte

Cha deach draibhear a' bhan no an triùir a bha a' siubhal anns a' chàr a ghoirteachadh.

Bha an rathad dùinte fad sia uairean de thìde gus rannsachadh a dhèanamh, agus dh'fhosgail e a-rithist dìreach às dèidh meadhan oidhche.

Thuirt an Sàirdseant Christopher Donaldson gun robh an smuaintean le teaghach an duine a chaill a bheatha.

"Tha an rannsachadh againn a' leantainn agus tha sinn ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic na thachair no aig a bheil dealbhan dashcam brath a chur thugainn", thuirt e.

Faodaidh daoine fiosrachadh a thoirt do Phoileas Alba le a bhith a' fònadh gu 101 agus an àireamh tachartais 3127 'son Dihaoine 12mh An Lùnastal a thoirt dhaibh.