Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Banachdach ùr airson tinneis Lyme?

  • Air fhoillseachadh
Tinneas LymeTùs an deilbh, CDC US Gov agency
Fo-thiotal an deilbh,

Ma nochdas broth coltach ri seo, tha sin na chomharra aithnichte den tinneas Lyme.

Dè an ceangal eadar Justin Bieber, Shania Twaine, Matt Dawson, agus mu 15% de shluagh an t-saoghail?

Tha iad uileag air tinneas Lyme a ghlacadh.

Tha dà chompanaidh mheidigeach ag obair air banachdach ge-tà, is iad a-nis gu bhith a' toirt dreach dheth do dhaoine mar phàirt de rannsachadh clionaigeach anns na Stàitean Aonaichte agus san Roinn Eòrpa.

Dè th' ann an tinneas Lyme?

'S e baictear a th' ann a thèid aig daoine air a ghlacadh ma thèid am bìdeadh le gartan.

Gu tric, ach chan ann an còmhnaidh, thig broth ort far an deach do bhìdeadh, coltach ri targaid dhearg.

Faodaidh Lyme a bhith ort as aonais sin, ach ma nochdas am broth tha sin na chomharra aithnichte den tinneas.

Faodaidh e daoine fhàgail ìosal le crath nan com, nan cinn, sgìths neo-àbhaisteach, is teas cuideachd.

Gabhaidh a leigheas le stuthan anti-biotaig, ach mar as fhaide a thèid fhàgail 's ann nas duilghe dh'fhaodhadh e bhith.

Dè cho bitheanta 's a tha e?

Tha sin a rèir 's càite a bheil thu.

Tha rannsachadh a rinn Oilthigh Ghlaschu a' sealltainn gu bheil an tinneas fichead uimhir nas bitheanta ann na Uibhist na ann an Alba san fharsainneachd.

Tha obair fhathast ga dèanamh airson tuigsinn carson.

Cha tèid aig Lyme a bhith beò ann am fèidh mar eisimpleir, ach thèid aig na fèidh tòrr ghartan a ghluasad bho àite gu àite, mar a thèid aig caoraich.

Dè tha ga dhèanamh mu dheidhinn?

Tha an tinneas air barrachd aire tharraing le mar a tha e air a bhith sgapadh 's a' fàs nas bitheanta.

Anns na h-Eileanan an Iar mar eisimpleir, tha am Bòrd Slàinte air sanasachd a chur suas ann an grunn àiteachan poblach, agus tha clann-sgoile cuideachd air ionnsachadh air mar a tha còir aca faighinn cuidhteas de ghartan.

Tùs an deilbh, CDC US Gov. Agency
Fo-thiotal an deilbh,

Faodaidh fèidh agus caoraich gartain a ghiùlain.

Sheall rannsachadh am-bliadhna ge-tà, nach robh fios aig dithis anns gach triùir (66%) ann an Alba mu na comharran tràth a dh'fhaodadh nochdadh le tinneas Lyme.

Cha robh fios aig mun dàrna leth dè bha còir aca a dèanamh nan rachadh am bìdeadh le gartan.

Dè mun bhanachdaich seo ma tha?

Tha Pfizer agus Valneva a' gluasad gu ìre a trì de dheuchainnean clionaigeach.

Theid mu 6,000 neach, aois còig bliadhna is nas sine, a chur air adhart mar phàirt den rannsachadh ann an grunn dhiofar dhùthchanan.

Gheibh feadhainn dhiubh a' bhanachdach, is gheibh càch placebo.

Ma thèid gu math leis na deuchainnean, tha Pfizer ag ràdh gur dòcha gun iarr iad ceadan bho ùghdarrasan dhrugaichean sna Stàitean Aonaiche agus san Roinn Eòrpa ann an 2025.

Teagmhach

Tha NHS nan Eilean Siar ge-tà teagmhach mu bhanachdaich.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt Iseabail NicAonghais bhon Bhord Slainte: "Feumaidh daoine ceithir dòsaichean den bhanachdaich a ghabhail. Tha tòrr an sin.

"Chan eil e cuideachd soilleir dè cho tric 's a dh'fheumadh tu a bhith a' gabhail nan ceithir dòsaichean a tha sin. Am feumadh tu an gabhail a h-uile bliadhna, no bheil iad a' maireachdainn trì no ceithir de bhliadhnaichean.

"Ron seo mun do thòisich an rannsachadh ann an Alba, 's e nuair a thigeadh tu a-mach gu beinn no coiseachd a-muigh ann am fraoch a gheibheadh tu gartan.

"Mar sin, duine sam bith a bha gu bhith a' coiseachd a-muigh anns an àrainneachd sin, dh'fhaodadh iad banachdach fhaighinn.

"Ach, an rud a tha sinn a' faicinn a-nisd, co-dhiù anns na h-Eileanan, tha daoine a' faighinn ghartan anns na gàrraidhean aca.

"Mar sin, a bheil sin a' ciallachadh gum feumadh a h-uile duine anns na h-Eileanan a' bhanachdach a tha seo a ghabhail? Chanainn nach bi daoine buailteach sin a dheanamh", thuirt i.