Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Naidheachdan 11:00m

Cosgaisean cumhachd

Tha ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, air a bhith a' mìneachadh ciamar a mhaoinicheadh e plana airson prìsean cumhachd a reòthadh airson sia mìosan. Aig an ìre seo tha a' phrìs airson gas is dealain air a cuibhreachadh aig faisg air £2,000 sa bhliadhna, ach tha eagal air eòlaichean gun èirich sin gu còrr air £4,200 san Fhaoilleach. Thuirt Sir Keir gun tigeadh pàirt den airgead bho a bhith a' leudachadh na cìse windfall air companaidhean cumhachd, agus a bhith a' cur às dhan ais-ioc do £400 a tha an riaghaltas a' gealltainn airson gach teaghlaich san Rìoghachd.

Sir Salman Rushdie

A rèir Mhinistearachd Cèin Iorain 's e Sir Salman Rushdie agus iadsan a tha a' cur taic ris a tha rin coireachadh airson na h-ionnsaigh sgithinn a dh'fhulaing e air an t-seachdain 's a chaidh. Tha an t-ùghdar fhathast ann an staid èiginneach san ospadal sna Stàitean Aonaichte às dèidh mar a chaidh a shàthadh grunn thursan aig tachartas ann an stàit New York Dihaoine. Thuirt teaghlach Sir Salman gu bheil e a-nis a' bruidhinn agus a' tarraing anail leis fhèin.

Donetsk

Tha dùil gun nochd còignear ann an cùirt Ruiseanach ann an sgìre Donetsk fo chasaid gun robh iad a' sabaid do Ucràin mar shaighdearan duaise. Buinidh triùir dhiubh do Bhreatainn, leis an dithis eile à Croatia agus an t-Suain. Tha cùirt ann an Donetsk mu thràth air binn-bhàis a chur air dithis Bhreatannach eile a bha nam buill de dh'fheachdan armaichte na h-Ucràin.

Tubaist-rathaid

Tha na poilis a' sireadh fhianaisichean às dèidh tubaist-rathaid mhairbhteach ann an Cataibh air an deireadh-sheachdain. Bhàsaich fireannach, 63, nuair a bhuail am motar-baidhseagal aige, bhana Fiat Doblo agus càr gorm Vauxhall ri chèile faisg air a' Bhlàran Odhair Dihaoine. Chaidh boireannach, 56, a dhroch ghoirteachadh san tubaist agus chaidh a togail dhan ospadal ann an Inbhir Nis. Tha e air a thuigsinn nach eil i ann an cunnart a beatha.

Làraidh sgudail

Chaidh làraidh sgudail a-steach gu togalach fhlataichean ann an Dùn Èideann an-diugh sa mhadainn. Thachair an tubaist air Rathad Chalton 06.50m. Thuirt na poilis gun do ghoirtich dràibhear na làraidh a chas, ach nach robh duine sam bith eile an sàs san tubaist. Tha iad air rathaidean san sgìre a dhùnadh fhad 's a tha sgrùdadh ga dhèanamh air a' mhilleadh a chaidh a dhèanamh air an togalach.

Jerry Sadowitz

Tha an cleasaiche Albannach, Jerry Sadowitz, air slaic a thoirt air talla aig Fèis Iomall Dhùn Èideann far an deach a chasg air an deireadh-sheachdain. Chuir Am Pleasance stad air an dàrna oidhche aig Sadowitz air an àrd-ùrlar, agus iad ag ràdh gun robh iad air an t-uabhas ghearainnean fhaighinn mu dhroch ghràin-chinnidh agus gràin-bhan. Thuirt an cleasaiche nach robh foir air a bhith aige gun robh dad air a dhol ceàrr, agus gun robh am Pleasance air dìmeas a dhèanamh air a chuid obrach.