Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Crìonadh-sluaigh air a' chlàr

Bha crìonadh an t-sluaigh agus bun-structar seasmhach am-measg na chaidh a thogail aig coinneimh de chomataidhean Comhairle nan Eilean Siar ann an Uibhist an-diugh.

Bha iad air coinneachadh an sin son a' chiad uair ann an deich bliadhna.

Fhuair muinntir na sgìre cothrom tadhal orra aig Cnoc Soilleir a dh'fhaicinn mar a tha an t-ùghdarras ag obair.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.