Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Ciamar a tha apps, innealan is TBh a’ glacadh mo dhàta?

Air ùrachadh: 17 An Dàmhair 2022

Ruigidh apps sam bith a luchdaicheas tu a-nuas gu d’ fhòn-làimhe, no gu do thelebhisean, air cuid a dh’fhiosrachadh air d’ inneal.

Tha cuid a sheòrsachan dàta air a chruinneachadh co-dhiù, mar:

  • An seòrsa inneal a tha thu a’ cleachdadh
  • Aithnichear sònraichte (mar ID an inneil no seòladh IP)
  • Fiosrachadh mu na dòighean a thathar a’ cleachdadh na apps againn.

Leigidh seo leis an app cuimhne a chumail ort agus stuthan sam bith a dh’iarr thu a thoirt dhut.

Iarraidh cuid de apps cead ort (aonta), gus an dàta agad a chleachdadh airson goireasan a bharrachd a thoirt thugad. Mar eisimpleir, bidh app BBC Aimsir a' faighneachd cead airson àite d' inneal, (Baile/Cathair-bhaile), airson aimsir ionadail a thoirt dhut. Cha bhi app BBC Aimsir a' sgaoileadh àite d' inneal. Bidh àite d' inneal no àiteachan bha thu 'a' lorg' air an stòradh air d' inneal airson 4-6 uairean, cha bhi am BBC a' stòradh d' fhiosrachaidh. Faodaidh tu seo a chur air no dheth aig àm sam bith ann an seataidhean d' inneal.

Airson a bhith sàbhailte

Dèan cinnteach gu leugh thu an earrann mu cheadan air app sam bith mus luchdaich thu a-nuas e. Sin an dòigh as fheàrr air tuigsinn dè dìreach an dàta a ghlacas e.

Faodaidh apps fiosrachadh a ghleidheadh air d’ inneal cuideachd

Mar eisimpleir, ma luchdaicheas tu a-nuas prògram air app mobile iPlayer, thèid a stòradh air d’ inneal.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: