Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Dè am fiosrachadh a dh’fheumas mi mu cookies?

Air ùrachadh: 10 An t-Sultain 2019

’S e faidhle teacsa beag a th’ air a ghleidheadh air do choimpiutair no d’ inneal mobile nuair a thadhaileas tu air làrach-lìn no app a th’ ann an cookie. 

Tha sinn gan cleachdadh airson:

  • Cuimhne a chumail air fios mud dheidhinn airson ‘s nach fheumar a thoirt dhuinn a-rithist. Agus a-rithist. Agus a-rithist
  • Do chumail air do logadh a-steach, fiù 's air innealan eadar-dhealaichte
  • Ar cuideachadh tuigse fhaighinn air mar a thathar a' cleachdadh ar seirbheisean, ach am bi iad cho math 's a ghabhas
  • Sanasachd a chur air làraich air taobh a-muigh na RA
  • Cuideachadh le bhith a’ dèanamh am BBC nas pearsaichte dhut fhèin is a’ cuimhneachadh air do roghainnean agus do sheataidhean. Agus dè na choimhead thu, ach an tèid agad air prògram a stad is leantainn ort leis, fiù 's air inneal eadar-dhealaichte
  • Faighinn a-mach an deach do phuist-d a leughadh agus an robh iad feumail dhut

Tha e comasach dhut do sheataidhean cookie BBC atharrachadh aig àm sam bith. Agus 's urrainn dhut faighinn a-mach mar a chuireas tu stad air do bhrobhsair bho bhith a' tracadh d' fhiosrachaidh an seo.

Tha cookies eadar-dhealaichte ann:

Cookies Ciad Phàrtaidh

Tha iad sin air an stèidheachadh leis an làraich-lìn air a bheil thu a’ tadhal.

Cookies Treas Pàrtaidh

Tha iad sin air an stèidheachadh le cuideigin a bharrachd air sealbhadair an làraich-lìn air a bheil thu a’ tadhal. Uaireannan bidh stuthan a thàinig bho làraich eile mar YouTube no Flickr, ’s a bhios a’ stèidheachadh na cookies aca fhèin, ri fhaicinn air duilleagan a’ BhBC. Cuideachd, ma sgaoileas tu duilleag a’ BhBC gu (me Facebook) tha e comasach dhaibh cookies a’ stèidheachadh nad bhrobhsair. Chan eil smachd sam bith aig a’ BhBC air cookies treas pàrtaidh - faodar an tionndadh dheth, ach chan ann tromhainne.

Cookies Seisein

Cha mhair na cookies seo ach an ùine a tha thu air-loidhne, thèid an dubhadh às bho do choimpiutair no d’ inneal nuair a dhùineas tu do bhrobhsair (me Internet Explorer no Safari).

Cookies Leanailteach

Fuirichidh na cookies seo air do choimpiutair no air d' inneal an dèidh dhan bhrobhsair a bhith air a dhùnadh agus mairidh iad airson an ùine a tha comharraichte sa chookie. Tha sinn a’ cleachdadh cookies leanailteach nuair a dh’fheumas sinn fios a bhith againn cò thu thairis air barrachd air aon seisean a’ brobhsadh. Mar eisimpleir, bidh sinn gan cleachdadh airson cuimhne a chumail air do roghainnean airson an ath thuras a thadhaileas tu.

Cookies Riatanach

Leigidh na cookies seo leat gach pàirt de làrach-lìn a' BhBC a chleachdadh. Às an aonais, bhiodh goireasan ann a dh'iarr thu nach obraicheadh. Cuideachd, mar sheirbheis poblach, bidh sinn a' cruinneachadh dàta bhuat gus tuigse fhaighinn air mar a tha daoine a' cleachdadh BBC air-loidhne, ach an tèid againn air a dhèanamh nas fheàrr. Bho àm gu àm bidh companaidhean a' dèanamh anailis dhuinn gus tuigse fhaighinn air mar a tha daoine a' cleachdadh BBC air-loidhne.

Seo eisimpleirean de mar a bhios sinn a’ cleachdadh na cookies seo:

  • Nuair a logas tu a-steach dhan a’ BhBC
  • A’ cumail cuimhne air seataidhean tèarainteachd a tha ceangailte ri faighinn gu cuid a stuthan, mar eisimpleir, smachd pàrantail
  • A' cruinneachadh fiosrachadh mu na duilleagan air am bi daoine a' tadhal gu tric ach an leasaich sinn ar seirbheisean air-loidhne.

Cookies fuincseanach

Tha iad sin gar cuideachadh gus am BBC a dhèanamh nas pearsaichte dhut le bhith cuimhneachadh air do sheataidhean agus do roghainnean. Seo eisimpleirean de mar a bhios sinn a’ cleachdadh na cookies seo:

  • A’ cumail cuimhne air do chlàran-ciùil agus na stuthan as fheàrr leat, agus do chuideachadh gus rudan a dhèanamh leithid beachd fhàgail air blog
  • A’ cumail cuimhne air far an do stad thu prògram air iPlayer agus leantainn ort leis aig àm eile
  • A’ cumail cuimhne air an do thadhail thu air an làraich roimhe gus nach faigh thu teachdaireachdan do luchd-tadhail ùra
  • A’ cumail cuimhne air seataidhean leithid dath, meud agus dreach

Cookies Coileanaidh

Tha iad sin gar cuideachadh gus tuigse fhaighinn air mar a tha daoine a’ cleachdadh BBC air-loidhne gus an tèid againn air a dhèanamh nas fheàrr. Agus tha iad gar cuideachadh le bhith a’ feuchainn rudan ùra. 

Cookies Sanasachd

Bidh cuid de làraich a’ cleachdadh lìonraidhean sanasachd gus sanasan iomchaidh a thoirt thugad. ‘S dòcha gun trac na lìonraidhean seo na tha thu a’ brobhsadh thairis air diofar làraich. Cha bhi sinn a’ stèidheachadh cookies sanasachd airson daoine san RA. Bidh cuid de làraich BBC Studios leithid bbc.com a’ cleachdadh cookies sanasachd ach cha dèan iad tracadh air na tha thu a’ brobhsadh taobh a-muigh a’ BhBC. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu mar a bhios am BBC a’ cleachdadh cookies sanasachd an seo.

Teicneòlas leanailteach eile

Bidh cuid de làraich a’ cleachdadh leus-lìn, GIFs trìd-shoilleir, tagaichean duilleig agus bugaichean lìn airson tuigse fhaighinn air mar a tha daoine gan cleachdadh agus airson adhbharan sanasachd.

Mar as trice, ’s e ìomhaigh beag trìd-shoilleir a tha unnta a bhios a’ dol an sàs ann an duilleag lìn no ann am post-d. Bidh iad ag obair còmhla ri cookies ann a bhith sàbhaladh dàta mar do sheòladh IP, cuin a choimhead thu duilleag no post-d, dè an t-inneal a bha thu a’ cleachdadh agus càite an robh thu. Tha fios mu bhith gan seachnadh an seo.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: