Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Am faod mi mo dhàta a dhubhadh às?

Air ùrachadh: 25 An Cèitean 2018

Tha còraichean agad mu choinneamh do stuthan a bhith air an dubhadh às agus “còir an dìochuimhneachadh”. Tha seo a' ciallachadh gun urrainn dhut iarraidh gun tèid d' fhiosrachadh pearsanta a dhubhadh às.

Ma tha cunntas BBC agad

Faodaidh tu do chunntas BBC a dhubhadh às aig àm sam bith.

Dubhaidh seo às fiosrachadh pearsanta sam bith a th' againn mud dheidhinn nad chunntas. Tha e a’ ciallachadh gum bi dàta sam bith a chleachd thu air BBC air-loidhne a-nis air a dhèanamh neo-ainmichte.

Ma tha thu air dàta a' roinn leis a' BhBC air adhbharan nach eil ceangailte rid chunntas BBC, cha tèid an dàta seo a dhubhadh às dìreach le bhith a’ dubhadh às do chunntas. Mar eisimpleir, ma dh’iarras tu tiocaidean BBC Shows, Tours & Take Part, cumaidh na sgiobaidhean sin am fiosrachadh agad gus innse dhut mu thachartasan eile a dh'fhaodadh còrdadh riut (ach dìreach ma tha thu air seo iarraidh). Chan eil e a’ gabhail a-steach beachdan a dh’fhoillsich thu fhèin air-loidhne.

Dè mu dheidhinn fiosrachadh eile?

Tha seo a rèir an seòrsa fiosrachadh pearsanta a th' againn.

Uaireannan thèid againn air d' fhiosrachadh a dhubhadh às, ach aig amannan eile chan eil sin comasach, leithid ma tha an lagh ag innse dhuinn nach eil sin ceadaichte. Ma tha, gabhaidh sinn beachd air mar a thèid a chleachdadh.

Mus cur thu iarrtas thugainn, b’ fhiach sùil a thoirt air an stiùireadh gus tuigse fhaighinn air mar a bhios sinn a' dèiligeadh le sna sgeulachdan naidheachd againn, prògraman agus stuthan eile.

An uairsin, faodaidh tu brath a chur thugainn is beachdaichidh sinn air na h-adhbharan mu choinneamh na tha thu ag iarraidh oirnn a dhubhadh às.

Cuimhnich, nuair a thilleas sinn thugad, ‘s dòcha gu feum sinn nì-aithneachaidh air choireigin bhuat airson dearbhadh gur tu da-rìreabh a th' ann.

'S dòcha gum bi amannan ann far nach urrainn dhuinn d' iarrtas a choileanadh.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: