Main content

Sùil air Spòrs 120714

Sin e seachad ma-tà. As dèidh còrr is mìos de thadhail, gàirdeachas, deòir, bìdeadh is eile tha Cupa na Cruinne seachad airson ceithir bliadhna eile. Dè a nì sinn a-nise sna feasgraichean? Gu fortanach dhuinne an seo an Alba tha Geamachan a’ Cho-fhlaitheis gu bhith oirnn ach tha mi an amharas gum bi greis mus tèid Cupa na Cruinne 2014 às ar cuimhne.

Ged nach canainn gur i an fharpais a b’fheàrr riamh - tha ’78 agus ’82 fhathast air thoiseach dhòmhsa air sàilleabh an dràma aig deireadh na farpaisean sin - chan eil teagamh nach eil na chunna sinn ann am Braisil cho math ri gin sam bith bhon uairsin. Tha 171 tadhal na dhearbhadh air an sin, an àireamh as motha riamh aig Cupa na Cruinne, ach dh’fheumadh tu cuideachd a ràdh gun robh a’ chluiche dìon cho truagh ri na chunnacas riamh roimhe aig an ìre seo.

Bidh cuimhne gu bràth air a’ ghèam iongantach a bha sin eadar Braisil agus a’ Ghearmailt san iar-chuairt dheireannach. Cha chreid mi gum faca mi a leithid bho bha mi a’ cluiche san raon-sgoile ann am bun-sgoil Ghearraidh na Mònadh! ’S gann gum b’urrainn dha na Gearmailtich a chreidsinn gun robh iad an aghaidh cluicheadairean nach cumadh cearcan far na sitig. Uamhasach, dìreach uamhasach agus dearbhadh air mar a tha an gèam air a dhol air ais ann am Braisil, an dùthaich a thug dhuinn Jogo Bonito. B'e sin an oidhche a bhàsaich an Samba.

Dealbhadh nan Gearmailteach a’ tighinn gu buil

Cha b’e an gèam àlainn a ghlèidh an Cupa dhan Ghearmailt aig a’ cheann-thall nas motha ach bha an deasachadh agus an sgioba a b’fheàrr aca a’ toirt gu buil còrr is deich bliadhna de dh’obair ullachaidh. Cò eile ach a’ Ghearmailt a thogadh an taigh-òsta aca fhèin gus dèanamh cinnteach gum biodh a h-uile dad a’ rèir miann nan cluicheadairean? Dh’ionnsaich a’ Ghearmailt an leasan an uair a chaidh iad a-mach aig ìre na buidhne de Euro 2004. Tha cuimhne agam glè mhath a bhith ag obair aig an fharpais sin ann am Portagail agus an t-uamhas a dh’adhbhraich e an uair a b’fheudar dhaibh tilleadh dhachaigh gun ghèam a bhuinnig.

Goirid as dèidh sin ghabh Jurgenn Klinsmann agus Joachim Löw thairis agus dh’atharraich iad an dòigh cluiche gu bhith a’ gluasad a’ bhuill luath bhon chùl air an làr. Nas cudromaiche buileach dh’aontaich an Comann Nàiseanta agus na clubaichean sa Bhundesliga obrachadh còmhla gus cluicheadairean òga, Gearmailteach a thoirt air adhart leithid Mario Götze, am fear a fhuair an tadhal cudromach sa Mharacana. Tha sin a-nis air tighinn gu buil agus le 14 dhen sguad aca fo 25 tha cothrom aig a’ Ghearmailt ball-coise eadar-nàiseanta a riaghladh fad bhliadhnaichean ged a bhios Gordan Strachan agus Alba an dòchas spòg a chur sa chuibheall aca an uair a thòisicheas iomairt Euro 2016 ann an Dortmund air an 7mh latha dhen t-Sultain.

Messi fhathast fo sgàil Maradona

B'e a’ cheist mhòr eile dhen fharpais an tigeadh aig Lionel Messi air seiche Diego Maradona a thilgeil dheth agus Argentina a’ stiùireadh chun an duais as prìseile ann am ball-coise. Gu mì-fhortanach dhàsan agus dhan h-uile duine eile a bha a’ guidhe gur e seo an fharpais aige cha b’urrainn dha a dhèanamh agus aig 27 tha Messi a-nis a’ ruith a-mach à cothroman Cupa na Cruinne a thogail. Chan eil teagamh nach eil e am measg na cluicheadairean ball-coise as fheàrr riamh - tha ceithir Ballon d’Or na dhearbhadh air an sin - ach gus an tog e Cupa na Cruinne bidh e fhathast a’ tighinn beò fo sgàil Maradona airson an dòigh san do bhuinnig e an Cupa cha mhòr leis fhèin ann am Meagsago 1986.

Geamachan Eòrpach agus Cothrom na Fèinne airson Uibhist

Le Cupa na Cruinne a-mach às an rathad tha ar n’aire a-nis a’ tionndadh air ais gu càl is brochan a’ ghèam aig an taigh agus bidh sinn an dòchas gun soirbhich le Celtic, St Johnstone, Obar Dheathain agus Tobar na Màthar sna geamachan dearbhaidh aca san Champions League agus Lìog Europa an t-seachdain seo. Tha e fìor chudromach airson inbhe a’ ghèam an Alba gum faigh Celtic gu ìre na buidhne dhen Champions League agus bhiodh e math dha-rìribh nan rachadh aig co-dhiù aon de na sgiobaidhean eile faighinn chun an aon ìre de Lìog Europa.

Nas ionadaile a-rithist meala naidheachd air sgioba Chàrlabhaigh a fhuair troimhe gu cuairt dheireannach Cupa Amaitearachd na Gàidhealtachd as dèidh an gnothach a dhèanamh air Saints an Iochdair 2-0 Disathairne seo chaidh. Ach mo nàire mhòr air Iain Whitehead bhon Chomann Amaitearachd a thuirt ris na h-Uibhistich “sguir a ghearain” an uair a thog iad ceist mu bhith a’ cluiche an iar-chuairt dheireannaich aig Pàirce Chnoc nan Gobhar ann an Steòrnabhagh.

Seo an treas turas a tha sgioba à Uibhist air coinneachadh ri sgioba Leòdhasach san iar-chuairt dheireannach agus chaidh a h-uile gin dhiubh a chluiche ann an Leòdhas. Mar sin bha deagh adhbhar aca a cheist a thogail. Bha uair a bha an fharpais seo air a faicinn mar Champions League ball-coise nan Eilean Siar, ach saoilidh mi gu bheil sin air a dhol às gu ìre mhòr sna bliadhnaichean mu dheireadh. An uair a leughas tu beachdan mhaighstir Whitehead ’s dòcha nach eil e doirbh obrachadh a-mach carson.