Bhàsaich treas neach an dèidh tubaist air an A9

Dh'innis Poileas Alba gu bheil treas neach air bàsachadh an dèidh tubaist air an A9 aig Ralia, deas air Baile Ùr an t-Slèibh, air an 10mh den Lùnastal, san robh làraidh agus càr an sàs.

Bhàsaich boireannach, 75, agus fireannach, 45, aig làrach na tubaiste.

Chaidh boireannach, 46, a bha a' dràibheadh a' chàir a thoirt a dh'Ospadal Ninewells ann an Dùn Dè agus i air a fìor dhroch leòn.

Bhàsaich i Là na Sàbaid an 14mh den Lùnastal.

Cha deach dràibhear na làraidh, fear aois 59, a ghoirteachadh.

Thuirt an t-Sairdeant Alasdair MacAoidh: "Tha ar smuaintean le càirdean agus caraidean an fheadhainn a chaill am beatha aig an àm dhuilich seo.

"Tha an sgrùdadh againn a' leantainn feuch dè a dh'adhbhraich an tubaist agus tha sinn ag iarraidh air daoine as urrainn ar cuideachadh thighinn a bhruidhinn rinn."

Ma tha fiosrachadh aig daoine bu chòir dhaibh fònadh gu Poileas Alba air 101.