Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Cabhsair sàbhailte ga iarraidh sa Bhaile Shear

Tha luchd-iomairt an Uibhist a Tuath ag ràdh nach e cabhsair ùr a tha a dhìth air muinntir a' Bhaile Shear idir ach cabhsair a tha sàbhailte.

Chan eil e comasach a dhol seachad air uaireanan le na th'ann de dh'uisge air an rathad as dèidh droch shìde no muir-làn.

Chaidh comhairlichean agus oifigearan Comhairle nan Eilean Siar chun na làraich air an t-seachdain seo.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.