Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Tha duilgheadas agam lem fhacal-faire, mo phost-d no m' ainm-cleachdaidh

Air ùrachadh: 18 An Lùnastal 2022

Tha duilgheadas agam lem fhacal-faire

Cuimhnich, feumaidh d’ fhacal-faire na leanas:

  • Ochd no barrachd charactaran
  • Co-dhiù aon litir
  • Co-dhiù aon àireamh no samhla

Nuair a tha thu a' taghadh facal-faire, leigidh sinn fios leat ma tha e air a bhith na phàirt de bhriseadh dàta air an eadar-lìon - ann an dòigh eile, ma tha e air liosta a gheibh hacairean. Le bhith a' taghadh facal-faire eile, cuidichidh seo le bhith a' cumail do chunntas tèarainte. Bidh d' fhacal-faire falaichte is chan fhaic duine e tron phròiseas seo.

Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?

Feumaidh tu ùrachadh. Lean an stiùireadh a tha seo:

1. Rach chun duilleig dhìochuimhnich mi m' fhacal-faire.

2. Nuair a thèid iarraidh ort, cuir a-steach am post-d a chleachd thu nuair a chlàraich thu leis a' BhBC. (Ma chleachd thu post-d nach eil fìor, cha tèid agad air d' fhacal-faire atharrachadh, agus feumaidh tu clàradh airson cunntas ùr.)

3. Cuiridh sinn thugad post-d le ceangal airson d' fhacal-faire ùrachadh. 'S dòcha gum bi feum agad air sùil a thoirt san sgudal agad (mura nochd e, lean na ceumannan gu h-àrd a-rithist).

4. Nuair a gheibh thu am post-d a tha sin, cliog air a' cheangal agus thèid do thoirt gu duilleag far an urrainn dhut facal-faire ùr a chruthachadh.

Cuimhnich air d' fhacal-faire ùr airson an ath thuras, ach na sgrìobh sìos e mus lorg cuideigin eile e.

Fo aois 13?

Duilich, ach chan urrainn dhut d' fhacal-faire ùrachadh ma tha thu air a dhìochuimhneachadh. Feumaidh tu clàradh airson cunntas BBC ùr.

Tha duilgheadas agam lem phost-d

Feuch na leanas:

1. Dèan cinnteach gu bheil e ann an cruth ceart, gun beàrnan no mearachdan.

2. A bheil thu a' cleachdadh am post-d leis an do chlàraich thu airson cunntas BBC? Mura bheil, faodaidh tu clàradh airson cunntas ùr.

3. An do chlàraich thu nuair a bha thu fo aois 13? Ma chlàraich, bhiodh tu air clàradh le ainm-cleachdaidh seach seòladh post-d. Feuch ri logadh a-steach led ainm-cleachdaidh.

Mur eil thu air do chunntas a chleachdadh sa bhliadhna a dh'fhalbh, dh'fhaodar a ràdh gu bheil do chunntas tàmhach no fiù 's air a dhubhadh às a rèir ar poileasaidh a thaobh prìobhaideachd. Thoir sùil air do bhogsa a-steach faic an do chur sinn puist-d thugad bho chionn ghoirid mun seo.

Duilgheadas le bhith a' dearbhadh do phost-d?

Gheibh thu taic le bhith a' dearbhadh do phost-d an seo.

Tha duilgheadas agam lem ainm-cleachdaidh

Tha ainmean-cleachdaidh air an cleachdadh seach seòlaidhean puist-d airson daoine a tha fo aois 13.

Feuch na leanas:

1. Dèan cinnteach gu bheil e ann an cruth ceart, gun beàrnan no mearachdan.

2. Feuch led sheòladh post-d. Feumaidh neach a tha aois 13 no nas sine logadh a-steach leis an seòladh post-d aca, seach ainm-cleachdaidh. Ma dh'obraicheas sin, cuimhnich do sheòladh post-d a chleachdadh gach turas a tha thu a' logadh a-steach.

3. A bheil thu a' cleachdadh an t-ainm-cleachdaidh leis an do chlàraich thu airson cunntas BBC? Mura bheil, faodaidh tu clàradh airson cunntas ùr.

Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhàin. Duilich mun sin.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: