Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

150 bliadhna bho Aimhreit Bheàrnaraigh

Tha 150 bliadhna ann bho thachartas cho cudromach sa bha ann, ann an eachdraidh strì an fhearainn air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan.

B' e sin nuair a chaidh oidhirp a dhèanamh còrr is leth cheud croitear ann am Beàrnaraigh Leòdhais fhuadach, fo òrdughan laghail.

Bha iad air a bhi a' diùltadh an talamh ionaltraidh aca a thoirt seachad.

Mar a tha Ruairidh MacÌomhair ag aithris, thigeadh Aimhreit Bheàrnaraigh gu ceann le buaidh iongantach dha na croitearan - agus a chùis ga faicinn an-diugh mar thoiseach tòiseachaidh Strì an Fhearainn.