Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Dragh mu staid rathaidean Mhinginis

Thuirt comhairliche Sgitheanach gun tèid rathaidean sgìre Mhinginis a chàradh fhathast, ach gu bheil airgead na chnap-starra bho bhith a' càradh rathaidean an eilein mar bu mhiann le Comhairle na Gàidhealtachd.

Bha cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Mhinginis air dragh a thogail mun sgìre sin a bhith air dheireadh air ceàrnaidhean eile dhen eilean a thaobh càradh a dhèanamh air na rathaidean.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.