Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Boireannach às Uibhist a' dol do na Stàitean 'son obair-lannsa mesh

Tha boireannach à Beinn na Faoghla a' dol do na Stàitean Aonaichte airson obair-lannsa a bheir aiste mesh.

Tha còrr is 20 bliadhna bho chaidh sin a chleachdadh mar leigheas do Chathleen NicLeòid ach coltach ri iomadh boireannach eile cha d'fhuair i ach trioblaid leis.

B'fheudar dhi a h-obair fhàgail, chaill i lùths a casan agus tha cràdh oirre.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' pàigheadh chosgaisean bhoireannach 'son leigheas bho eòlaiche ann am Missouri.

Dh'innis a' Bh-Ph. NicLeòid a sgeulachd do Shona NicDhòmhnaill.