Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Na boireannaich a bha riatanach gus Kim Avis a thoirt gu lagh

Kim AvisTùs an deilbh, Jade Skea
  • Air fhoillseachadh

Cha robh Jade Skea ach na deugaire nuair a choinnich i ri Kim Avis, a bha aithnichte san sgìre agus a bha a' reic seudraidh air an t-sràid.

Cha robh for aice an uair sin gum biodh an càirdeas a mhair deich bliadhna - càirdeas anns an do dh'fhulaing i droch-dhìol - gu bhith an teis-mheadhan rannsachadh eadar-nàiseanta agus cùis-lagh san àrd-chùirt.

Chuir Jade eòlas air Avis tràth anns na 2000an nuair a bha stàl aige air an Àrd-shràid ann an Inbhir Nis, nuair a bhiodh i fhèin agus na caraidean aice a' tadhal air.

Mun àm a bha i mu 18 bliadhna bha i air a bhith ri suirghe le Avis, a bha còrr is 40 bliadhna de dh'aois.

"Cha robh e coltach ri inbhich eile,", thuirt Jade. "Bha sinn a' faireachdainn gun robh e na cho-aoise dhuinne."

Fhad 's a lean an càirdeas eatorra, rinn Avis a dhìcheall gus Jade a chumail air falbh bho a teaghlach agus daoine eile, agus mhothaich i gun robh taobh eile air a charactar aige.

"Thàinig e a chèilidh orm aon oidhche agus bha an dol-a-mach aige air feadh an àite, agus bha rudeigin ga chur troimh-chèile," thuirt i.

"Sheas e air bòrd a bha taobh a-muigh a' charabhan agus thòisich e a' donnalaich agus fuaimean neònach eile a dhèanadh beathaichean."

Thuirt Jade gun do dh'èignich e i airson a'chiad turais às dèidh sin.

Ann an 2015, às dèidh dhith foirneart fhulaing fad bhliadhnaichean, cho-dhùin Jade rudeigin a dhèanamh.

"Cha robh dùil aige gun cuirinn-sa fios air na poilis," tha i ag ràdh.

"Chan eil mi a' smaointinn gun robh e den bheachd gun robh an comas sin agam. Tha mi an dùil gun do chuir sin iongnadh air."

Casaidean

Cha robh Jade na h-aonar.

Thàinig triùir bhoireannach eile air adhart airson innse mar a chaidh an èigneachadh le Avis thairis air grunn bhliadhnaichean. Bha dithis aca nan cloinn aig an àm.

Nochd Kim Avis anns a' chùirt fo chasaidean èigneachaidh agus ionnsaighean drabasta an aghaidh ceathrar bhoireannach.

Chaidh a shaoradh air urras agus dùil ris a' chùis eucoir sa Mhàirt 2019. Ach cha bhiodh sgeul air Avis.

Reic e an taigh aige 'son £245,00 agus cheannaich e ticead-adhair dha na Stàitean Aonaichte.

Bha e air gluasad gu 'Traigh na Manchainn', Carmel-by-the-sea ann an California.

'S e "Mortuary Beach" a bha aig muinntir na sgìre air an àite - air sàilleabh na h-àireimh de dhaoine a chaidh a bhàthadh anns a' mhuir faisg air làimh.

Chuir am mac as sine aig Avis, a bha còmhla ris anns na Stàitean, brath air na seirbheisean èiginn 's e ag ràdh gun robh athair air a dhol a dhìth.

Às dèidh iomairt-teasairginn a mhair trì là, thàinig e am follais nach robh an aithris fìor, agus chaidh Avis fhaicinn suas is sìos a'chosta.

Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fheuch Avis ri na h-ùghdarrasan a mhealladh le a bhith a' leigeil air gun deach a bhàthadh.

Grunn mhìosan às dèidh sin, nochd fireannach le dual-chainnt neo-àbhaisteach ann an Colorado Springs, mu 1,300 mìle air falbh bho far an deach Avis a dhìth, 's e a' reic chlachan agus sheudan.

B' e 'Camshron MacGriogair' ainm an duine, agus chosgadh e mu $3,000 air stàl a bha air a ruith le boireannach air an robh Angie.

"Bha e gu math seòlta," thuirt Angie. "Bha fios agam gun robh rudeigin ceàrr."

Chuir i eòlas air an duine a bha ag ràdh gur e Albannach a bh'ann. Thuirt i gun robh coltas robach air ach bha daonnan airgead gu leòr aige.

Dh'innis e dhith gun robh cead-siubhail Aimeireaganach aige.

"Thuirt mi 'seall dhomh do chead-siubhail,' agus chaidh e as a rian. Dh' fhalbh e anns a' chàr fad uair de thìde.

"Thuirt mi rium fhèin 'tha rudeigin nach eil ceart, tha seo anasach, tha seo neònach'."

Cha robh Angie a' creidsinn gur e Camshron MacGriogair a bh'anns an fhear a bha gabhail sin air fhèin.

"Tharraing mi dealbh de chlàr-àireamh a' chàir aige. Bha caraid agam anns na poilis agus dh' iarr mi air sgrùdadh a dhèanamh."

Tha Angie ag ràdh gun do dh'fhòn na US Marshals thuice, buidhean an riaghaltais a bhios a lorg eucoirich eadar stàitean. Dh' iarr iad oirre cumail air falbh bhuaithe agus iad ag ràdh gu robh e cunnartach.

Dh'iarr iad fiosrachadh air càite an robh Avis a' fuireach agus càite an deach e.

Bha iad air pìosan fiosrachaidh eile fhaotainn cuideachd mu dheidhinn Avis a bhith anns an sgìre.

Fhuair iad dearbhadh gu robh Avis ann an taigh-òsta.

Le taic o na poilis ionadail, chruinnich na Marshals mu thimcheall agus rinn iad feitheamh.

Chaidh na diogan mu dheireadh aig Avis na dhuine saor a chlàradh air camarathan bothaige a bh' air na poilis.

Chaidh a ghluasad gu prìosan feadaralach agus e feitheamh gus an deadh a chur air ais a dh'Alba.

Nuair a chaidh a chuir ann an greim, bha còrr air $50,000 aige agus buinn òr. Bha bhan ùr aige cuideachd a cheannaich e anns na Stàitean Aonaichte.

Tha Angie ag ràdh nach b' urrainn dhaibh na nithean sin a thoirt dhà air ais agus chaidh ùghdarras neach-ionaid a thoirt dhith.

Reic i am bhan airson $20,000 agus chuir i a' mhòr-chuid den chòrr thuige thuirt i. Tha Avis ag ràdh nach d' fhuair e sgillinn ruadh.

Thadhail Angie air Avis trì tursan fhad's a bha e anns a' phrìosan. Cha robh for aige gum faodadh gur i bh' air cùl mar a chaidh a chuir ann an greim.

An turas mu dheireadh a chunnaic i e, bha e anns a' phrìosan ann an Alba. Nuair a chunnaic i e ann am prìosan ann an Dun-Èideann, roghnaich i innse dha mar a chaidh greim fhaighinn air.

Cha robh e air a dhòigh.

"Thuirt mi 'chan eil thu tuigsinn. Dh'innis thusa breugan don bhan-Ameireaganach cheàrr."

Ceartas

As dèidh mìosan a' ruith, iomairt eadar-nàiseanta agus ùidh nam meadhanan, bha Avis air ais agus a' dol air beulaibh na cùirteach.

Còrr air dà bhliadhna as dèidh dha dhol a dhìth far chosta Chalifornia, chaidh a dhìteadh air casaidean èigneachaidh agus eucoirean feiseil an aghaidh cheathrar bhoireannach anns an Òg-mhìos 2021.

Chaidh binn 15 bliadhna sa phrìosan a chuir air - 12 airson nan eucoirean feise agus trì bliadhna mar pheanas agus e air faileachdainn air nochdadh sa chùirt.

Chaidh a thoirt gu HMP Dhun Èideann far a bheil e fhathast an-diugh.

"Cha bu chòir gun deadh a shaoradh gu siorraidh," tha Jade ag ràdh.

"Tha e na chunnart do dhuine sam bith a thèid faisg air ann an dòigh air choireigin. Thèid duine sam bith a bhios timcheall air fada bhuaithe buileach.

"Tha mi smaoineachadh nach bu chòir dha a bhith a-muigh am measg a' phobaill gu siorraidh bràth."

Ma tha gin de na rudan a tha a' nochdadh san artagail sa a' dèanamh dragh dhut, tha taic is comhairle ri fhaotainn tro BBC Action Line.

Dean Man Running