Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Coire na Creiche no Glumagan nan Sìthichean?

Glumagan na Sìthichean
  • Air fhoillseachadh

Tha na mìltean mòra de luchd-turais air an tàladh dhan Eilean Sgitheanach gach bliadhna.

Agus aig cridhe an tàlaidh do mhòran, tha na lochan agus na h-uisgeachan air a bheil iad a' gabhail anns an là th’ ann Glumagan nan Sìthichean.

Tha Skye Connect - buidheann turasachd san eilean - den bheachd gun tadhail faisg air millean duine air an eilean am-bliadhna.

Ach dè dìreach a tha gan tàladh? Uirsgeulan?

Thairis nam bliadhnaichean chaidh sgeulachdan mu shìthichean innse mu na Glumagan agus cuid ag ràdh gum faca iad na sìthichean fhèin aig na lochan.

Ach ’s e an fhìrinn nach robh an t-ainm Glumagan nan Sìthichean (The Fairy Pools) riamh air a chleachdach gus an do nochd e ann an leabhar Beurla ‘Walks round Sligachan’ a chaidh fhoillseachadh ann an 1930.

Ron sin b’ e Coire na Creiche a chanadh na Sgitheanaich fhèin ris.

Tha Catriona Nic a’ Phì ag obair aig Ionad Tasglann an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ise gu làidir den bheachd gu bheil e cudromach na sgeulachdan agus na h-ainmean dùthchasach a chumail.

"Ann an 2019, bha mi a’ dèanamh taisbeanaidh air turasachd, agus a’ chiad iomradh a lorg mi far an robh an abhainn agus an gleann seo air an ainmeachadh mar Ghlumagan na Sìthichean, b’ ann ann an leabhar turasachd bho 1930. Tha leabhar nas tràithe ann, bho 1921, nach eil a’ toirt iomradh sam bith air Glumagan nan Sìthichean – aig an àm sin tha a h-uile ainm ann an Gàidhlig."

"S e an trioblaid le a bhith a’ cleachdadh Glumagan na Sìthichean, gu bheil e a-nis aithnichte fad is farsaing mar sin, agus tha na h-ainmean tùsail air an call. 'S e call mòr a th’ ann airson ainmean dùthchasach, agus eòlas is cànan an àite."

Fo-thiotal an deilbh,

Catriona Nic a' Phì bho Ionad Tasglann an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse.

Blàr Beinn a’ Chuilthinn

Ann an 1602, bha blàr aig Coire na Creiche - Blàr Beinn a’ Chuilthinn - eadar Dòmhnall Gorm Mòr à Slèite, Ceann-cinnidh nan Dòmhnallach, agus bràthair Ruairidh Mhòir, Ceann-Cinnidh nan Leòdach - Alasdair MacLeòid à Minginis.

’B e Dòmhnall Mòr MacCruimein pìobaire nan Leòdach aig an àm.

Tha iomradh anns na clàran eachdraidheil air na h-aibhnichean a’ ruith dearg le fuil nan Leòdach agus nan Dòmhnallach.

B' e seo am blàr mu dheireadh eadar na dà thaobh, agus ‘s iad na Dòmhnallaich a bhuannaich, agus bha Alasdair MacLeòid air a leòn agus air a chur an greim mar phrìosanach le Clann Dòmhnaill.

Tha sgeulachd àraid cuideachd ceangailte ri Coire na Creiche mu bhoireannach le aona shùil.

'B e ise boireannach òg à Dun Bheagain – Maighread, an nighean aig Ruairidh Mòr, an ceann-cinnidh, a chaidh a cur sìos a cheann a deas an Eilein Sgitheanaich, gu sgìre Shlèite gu Dòmhnall Gorm Mòr, ceannard nan Dòmhnallach, airson pòsadh a mhaireadh bliadhna agus là ann an Armadal.

Chaidh ise a chur air ais dhachaigh le Dòmhnall Gorm an ceann bliadhna, ceangailte an comhair a cùil air each anns nach robh ach aona shùil air a threòrachadh le fear le aona shùil aig an robh cù aona-shùileach. Bha an gnothach na thàmailt mhòr agus na chùis-nàire dhan bhoireannach agus dha na Leòdaich.

Chaidh a lorg air mullach Coire na Creiche anns an staid sin, agus eadar a droch-dhìol, agus an crodh a chaidh a ghoid, thòisich am blàr.

An-diugh, tha càrn beag ri fhaicinn fon ainm Càrn nan Trì Tormod aig Tom nan Tighearnan, a tha a' comharrachadh far an deach triùir de na Leòdaich a mharbhadh.

Pìobaireachd

Tha iomadh òran agus sgeulachd ceangailte ris na cogaidhean eadar na Leòdaich agus na Dòmhnallaich.

"An-diugh bidh pìobairean a’ cluiche trì neo ceithir puirt a dh’fhaodadh a bhith air an dèanamh le Dòmhnall Mòr MacCruimein a bha beò aig deireadh na linne sin", thuirt an Dtr Decker Forrest, a tha air leth eòlach air ceòl na pìoba.

"'S iad sin Fàilte nan Leòdach, Iomarbhaidh MhicLeòid agus Fàilte Chlann Dòmhnaill.

"Thòisich ceol mòr ag atharrachadh aig toiseach an 19mh linn, nuair a thàinig na teaghlaichean pìobaireachd gu crìoch. Aig an àm sin, thòisich an ceòl mòr ga sgrìobhadh sìos agus air fhoillseachadh, agus leis an sin dh’fhàs an dlùth-cheangal eadar an ceòl mòr agus cànan is cultar nan Gàidheal nas laige agus nas lugha ann an iomadach àite.

"Buinidh a’ phìob mhòr agus cuid mhòr den cheòl aice don Ghàidhealtachd, agus tha e air a bhith na phàirt den chultar aice airson na ceudan bhliadhnaichean. Tha mi smaointinn gum bu chòir fios agus eòlas a bhith aig a h-uile pìobaire air an sin." thuirt an Dtr Forrest.

"Tha e fiù 's nas cudromaiche buileach gum bi Gàidheil òga a tha ag ionnsachadh na pìoba a’ tuigsinn carson tha a' phìob na pàirt cho cudromach don dualchas aca agus cho freumhaichte agus a tha an ceòl sin bho thùs anns a’ chànan."

Fo-thiotal an deilbh,

An Dtr Decker Forrest a tha air leth eòlach air pìobaireachd.