Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Ciamar is urrainn dhomh m' fhiosrachadh a ghluasad?

Air ùrachadh: 4 Am Faoilleach 2022

Tha còraichean agad mu choinneamh a bhith a’ gluasad dàta. Faodaidh tu d' fhiosrachadh pearsanta iarraidh oirnn agus a thoirt a-nuas gu h-eileagtronaigeach, ach an urrainn dhut:

  • A ghluasad
  • Lethbreac a dhèanamh no
  • A chumail dhut fhèin

Ma tha cunntas BBC agad

Feumaidh tu iarrtas a chur thugainn a dh’fhaicinn dè am fiosrachadh mud dheidhinn a th’ air do chunntas BBC. Faodaidh tu an uairsin a chur gu companaidh eile nam biodh tu airson seo a dhèanamh.

Dè mu dheidhinn fiosrachadh eile?

Tha sin a rèir ‘s co mu dheidhinn a tha thu a' faighneachd. Feumaidh tu fios a chur thugainn agus barrachd fiosrachaidh a thoirt dhuinn gus ar cuideachadh ann a bhith a’ lorg. A rèir ’s dè th' ann, faodaidh sinn feuchainn ri chur thugad ach an tèid agad air a sgaoileadh gu companaidh eile.

Cuimhnich, nuair a thilleas sinn thugad, ‘s dòcha gu feum sinn nì-aithneachaidh air choireigin bhuat airson dearbhadh gur tu da-rìreabh a th' ann.

'S dòcha gum bi amannan ann far nach urrainn dhuinn d' iarrtas a choileanadh.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: