Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Gealltanas a’ BhBC a thaobh Prìobhaideachd

Air ùrachadh: 1 An Samhain 2022

’S e seirbheis phoblach a th' anns a’ BhBC. Feumaidh a h-uile càil a tha sinn a’ dèanamh a bhith gu buannachd ar luchd-amharc, luchd-èisteachd is luchd-cleachdaidh.

Bidh e comasach dhuinn an tuilleadh de na rudan a tha còrdadh riut a thoirt thugad nuair a tha tuigse nas fheàrr againn ort. Airson sin a dhèanamh, iarraidh sinn ort logadh a-steach gu cuid de ar goireasan is seirbheisean. Tha sinn a’ cleachdadh do dhàta gu do bhuannachd ann an dà dhòigh:

1. BBC nas pearsaichte dhut

Tha e gar cuideachadh am BBC a dhèanamh nas pearsaichte dhut. Tha e a’ ciallachadh gum faod sinn:

  • Rudan a shaoileas sinn a chòrdas riut a mholadh dhut
  • Stuthan a shealltainn dhut a tha buntainneach ri far a bheil thu a’ fuireach
  • Dèanamh cinnteach gun urrainn dhut rudan a tha iomchaidh airson d’ aois a chleachdadh.

2. BBC nas fheàrr dhan h-uile duine

Mar sheirbheis poblach, feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh dhan h-uile duine. Mar a thathas a’ cleachdadh barrachd de ar stuthan air-loidhne, gheibh sinn tuigse air cò tha gan cleachdadh airson:

  • Dearbhadh gu bheil sinn dha-rìribh a’ dèanamh rudeigin dhan a h-uile duine
  • Tuigse fhaighinn air dè a tha a’ còrdadh riut ach an dèan sinn stuthan nas fheàrr san àm ri teachd.

Ri linn sin, tha sinn ag iarraidh ort logadh a-steach is beagan fiosrachaidh a thoirt dhuinn.

A thuilleadh air an seo, tha sinn dealasach a thaobh tèarainteachd do dhàta pearsanta is do phrìobhaideachd.

Na tha ar gealltanas a thaobh prìobhaideachd ag ràdh

Tha ar Gealltanas a thaobh Prìobhaideachd a’ còmhdach mar a tha sinn a’ dèiligeadh ri do dhàta agus a’ dèanamh cinnteach gur ann agadsa a tha smachd a thaobh dè tha a’ tachairt dha. Tha e stèidhichte air trì prìomh raointean…

Follaiseachd

Nì sinn cinnteach gum mìnich sinn gu soilleir dè an dàta a tha sinn a’ tional mu do dheidhinn agus carson. Cha chruinnich sinn dàta ach na dh’fheumas sinn airson:

  • fèin-fhiosrachadh nas fheàrr a thoirt dhut
  • leasachadh a thoirt air ar seirbheisean
  • ar dleastanasan mar sheirbheis poblach a choileanadh.

Gheibh thu tuilleadh a-mach mud fhiosrachadh agus prìobhaideachd an seo.

Roghainn

Tha e an urra riut fhèin ciamar a chleachdas tu ar seirbheisean. Agus faodaidh tu do chunntas BBC a riaghladh no a dhubhadh às aig àm sam bith. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu do chunntas a riaghladh an seo.

Ri linn 's gur e seirbheis phoblach a th' annainn, bheir sinn taic dhut le co-dhùnaidhean mud dhàta gus am faighear a' chuid as fheàrr bho theicneòlas digiteach agus bhon BhBC. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu na tha sinn a' dèanamh led dhàta an seo

Earbsa

Tha d’ earbsa uabhasach cudromach dhuinn. Leis gu bheil, tha sinn dealasach a thaobh do dhàta agus a bhith ga chumail sàbhailte is tèarainte.

Tha sinn a’ gealltainn nach reic sinn d’ fhiosrachadh pearsanta agus nach tèid do dhàta a chleachdadh gu coimeirsealta ach a-mhàin nuair a tha thu a’ cleachdadh seirbheis choimeirsealta leis a’ BhBC.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu cookies an seo.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: