Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Rabhadh mu theintean 's teas mòr a' tighinn

  • Air fhoillseachadh
TeineTùs an deilbh, SFRS

Dh'fhaodadh gun ruig an teas ann an Alba Dihaoine na h-àrd-fhicheadan Celsius.

Tha rabhadh mu theintean bho Sheirbheis Smàlaidh na h-Alba an sàs sna na beagan làithean ri thighinn airson ceann a deas agus taobh an ear na dùthcha.

Tha dùil gun èirich i gu 25C no nas blàithe.

Ged a chuireas cuid fàilte air làithean nas blàithe, tha cuideachd rabhadh ann bhon t-seirbheis smàlaidh gu bheil cunnartan an lùib na sìde nas tiorma.

Tha iad ag ràdh gum faodadh teintean sgapadh nas luaithe, agus gum faodadh e a bhith duilich am mùchadh ri linn na gaoithe.

Dh'iarr Bruce Farquharson, leas-àrd-oifigear Sheirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba, air daoine a bhith faiceallach agus gun a bhith a' cur theintean thuige a-muigh.

Nas fhaide gu deas, dh'fhaodadh gun tèid tart a ghairm Dihaoine airson cuid de sgìrean ann an Sasainn, far a bheil an teas a' toirt buaidh, agus casg an sàs ann an corra sgìre mar thà air pìoban-uisge a chur an sàs ann an gàrraidhean.