Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Airgead ga thogail do theaghlach fhir a mharbhadh

  • Air fhoillseachadh
John MacFhionghain

Tha iomairt airson airgead a thogail do theaghlach an duine a chaidh a mharbhadh san Eilean Sgitheanach an t-seachdain 's a chaidh air faisg air £30,000 a thogail.

Tha an t-suim airgid sin còig tursan thairis air an targaid a chaidh a stèidheachadh.

Bhàsaich John MacFhionghain, a bha 47 bliadhna, às dèidh mar a chaidh gunna a losgadh aig taigh ann an Slèite Diciadain 's a chaidh.

Chaidh triùir eile a leòn ann an sreath thachartasan air an aon mhadainn.

Chaidh làrach-lìn a chruthachadh le Urras Coimhearsnachd Shlèite 'son airgead a thogail do theaghlach Mhgr MhicFhionghain an t-seachain 's a chaidh.

Meas mòr

Thuirt iad gun robh Mrg MacFhionghain na fhear-pòsta, na athair do shianair, na uncail agus na bhràthair agus gun robh meas mòr aig a' choimhearsnachd air.

Bhathar ag amas air £5000 a thogail ach ro mhadainn Diluain bha iad air còrr is £27,000 a chruinneachadh.

Às dèidh nan ionnsaighean anns an Eilean Sgitheanach, tha NHS na Gàidhealtachd cuideachd air a bhith a' tabhann taice dhan choimhearsanchd agus bidh luchd-obrach an làthair ann an Slèite agus anns a' Chaol bho Dhiluain gu Diciadain.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd air taic a thabhann do mhuinntir na sgìre agus tha dùil gum bi iad gu sònraichte ag amas air na sgoiltean leis gum bi an teirm sgoile a' tòiseachadh a-rithist Dimàirt.

Nochd Fionnlagh Dòmhnallach, a tha naoi bliadhn' deug thar fhichead, ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis Dihaoine a chaidh fo chasaid gun do mhuirt e Mgr MacFhionghain, agus fo chasaid gun do dh'fheuch e ri triùir eile a mhurt.

Cha do rinn e tagradh agus chaidh a chumail an grèim.