Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Rabhadh mu dhìth luchd-obrach a' bhradain

  • Air fhoillseachadh
Tuathanas èisgTùs an deilbh, Getty Images

Tha ceannardan gnothachais a' toirt rabhaidh gu bheil dìth luchd-obrach na thrioblaid mhòr ann an gnìomhachas a' bhradain.

Sgrìobh iad dhan dithis a tha a' seasamh airson ceannas nan Tòraidhean, agus iad ag ràdh gu feumar poileasaidhean in-imreachais nas fhosgailte às dèidh Bhrexit.

A rèir na buidhne Salmon Scotland, chan eil luchd-obrach gu leòr aig gnìomhachas a' bhradain ann an Alba le na sgilean a tha a dhìth às dèidh do mhòran den luchd-obrach tilleadh gu taobh sear na Roinn Eòrpa às dèidh Bhrexit.

Ann an litir gu Rishi Sunak agus Liz Truss, tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil dìth luchd-obrach orra gu sònraichte ann an àiteachan giollachd a leithid Earra-Ghàidheal, an Gearasdan, Steòrnabhagh, Inbhir Pheothrain agus ann an Sealtainn far a bheil co-dhiùbh trì ionadan giollachd gan ruith le mu 20% den luchd-obrach a tha a dhìth orra.

In-imreachas

Tha àrd-oifigear na buidhne, Tavish Scott, ag iarraidh air an dithis thagraichean 'son dreuchd a' Phrìomhaire a bhith nas fhosgailte ris an dòigh anns a bheilear a' dèiligeadh le in-imreachas mar dhoigh air an suidheachadh a leasachadh.

Tha e cuideachd ag iarraidh orra dèanamh cinnteach nach cuir eas-aonta malairt bacadh air gnìomhachasan a' bhradain a tha an eisimeil mhargaidhean thall thairis san Roinn Eòrpa.

Tha dùil ris an dithis thagraichean aig cruinneachadh de Thòraidhean na h-Alba ann am Peairt oidhche Mhàirt agus tha Mgr Scott air iarraidh air an dithis tadhal air ionad giollachd a' bhradain cho luath sa ghabhas dèanamh gus am faic iad an suidheachadh dhaibh fhèin.