Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Taic chlionaigeach a' falbh aig ionad leighis dhaibhearan

Seòmar decompressionTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha dragh air cuid gu bheil taic chlionaigeach bhon NHS ga tharraing air falbh o ghoireas meidigeach ann an Earra-Ghàidheal a tha cuideachadh dhaibhearan air a bheil tinneas decompression.

Tha na h-atharraichean aig a ghoireas anns an Òban a-nise a' ciallachadh nach eil ionad meidigeach NHS dha leithid ann an àite sam bith air a' chosta an iar.

Chaidh an t-ionad meidigeach a stèidheachadh anns an Òban anns na 1960an agus tha còrr air 400 daibhear air cùram fhaighinn ann bhon uairsin.

Tha e a' toirt leigheas ocasaid seachad dhaibhsan a tha a' fulang le tinneas decompression - gu math tric às dèidh tubaistean daibhidh.

Tha NHS Roinn a' Mhonaidh, aig a bheil goireas den t-seòrsa sa aig ìre nas àirde cuideachd, an urra ris a' ghoireas phrìobhaideach anns an Òban agus tha iad ag ràdh nach tèid an cùmhnant a th' ann an-dràsta ùrachadh.

Ach tha dragh gum bi na h-atharrachaidhean a' ciallachadh dàil ann an leigheas do dhaibhearan.

Bidh aca ri dhol a dh' Obar Dheathain a tha 180 mìle air falbh.

Thuirt NHS Roinn a' Mhonaidh gun robh iad leagte ri nach biodh buaidh aig an seo air an t-seirbheis, le planaichean gus euslaintich a tha gu math bochd a ghluasad chun a' phrìomh ionad aca ann an Obar Dheathain ann an àite bho thòisich na bliadhna.