Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Ceartas

Tha sgaradh ann an Comataidh a' Cheartais aig Holyrood air moladh fom biodh feadhainn a tha fo chasaid èigneachaidh a' dol mu choinneimh britheamh ach gun diùraidh. Chuir ceathrar bhall SNP air a' chomataidh taic ris a' mholadh mar sgeama pìleat airson bliadhna gu leth. Tha dithis bhall Tòraidh agus dithis bhall Làbarach na aghaidh. Chaidh an sgeama a dhealbh mar oidhirp air dèiligeadh ri cho beag dìtidh 's a th' ann an cùisean èigneachaidh ach tha dragh air cuid de luchd-lagh gun dèanadh e cron air siostam a' cheartais.

Horizon

Tha àrd bhall-pàrlamaid ag iarraidh rannsachadh poilis an dèidh do dh'aithisg tighinn am follais air na b'aithne do dh'Oifis a' Phuist mu sgainneal IT Horizon. Lean Oifis a' Phuist a' toirt fo-mhaighstirean gu cùirt ged a bha na cùisean stèidhichte air fiosrachadh nach robh fìor. Thuirt Liam Byrne, cathraiche Comataidh Gnothachais agus Malairt nan Cumantan, gu bheil dearbhadh san aithisg gum b'aithne do dh'Oifis a' Phuist gun robh rudeigin ceàrr.

Urraman

Tha urram ridire ga bhuileachadh, le moladh Rishi Sunak, air an fhear-gnothaich beartach, Mohammed Mansour, a rugadh san Èipheit. 'S e fear den fheadhainn as motha a thug airgead dhan Phàrtaidh Thòraidheach. Tha na Làbaraich ag ràdh gur e co-dhùnadh a tha sin bho phrìomhaire nach eil dùil a bhith fada san dreuchd.

Tubaist

Cha tàinig beò à tubaist bus ann an Afraca a Deas ach nighean ochd bliadhna de dh'aois. Chaill 45 am beatha nuair a chaidh am bus far an rathaid agus na theine ann an sgìre Limpopo ann an ceann an ear thuath na dùthcha.

Seirbheisean-adhair

Dh'innis Hebridean Air Services gun tòisich an t-seirbheis aca eadar Beinn na Faoghla agus Steòrnabhagh cola-deug bho an-diugh. Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad an dòchas a bhith a' reic thiceadan air an làraich-lìn aca an ceann là neo dhà.