Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Dachaigh-cùram air Ghàidhealtachd a' dùnadh rè ùine

Dachaigh-cùraim Cradlehall
  • Air fhoillseachadh

Thèid Dachaigh-cùraim Cradlehall ann an Inbhir Nis a dhùnadh rè ùine, agus thèid an togalach a leasachadh mus tèid a reic.

Tha an t-ionad, anns an bheil mu 50 leabaidh, ga ruith leis a' bhuidhinn St Philips Care aig a bheil grunn ionadan-cùraim air feadh Alba, agus an-dràsta tha mu 40 neach a' faighinn cùram innte.

Ach ghluais Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim gus inbhe-chlàraichte a tharraing bho dhachaigh-cùraim an t-seachdain sa chaidh.

Thuirt a' bhuidhinn, às dèidh dhaibh co-chomhairleachadh gu math farsaing a dhèanamh le NHS na Gàidhealtachd, gu bheil iad a' dol a dhùnadh an ionaid mus tèid a leasachadh agus a reic.

Tha iad an dòchas gum bi buidheann-lìbhrigidh cùraim a tha mar-thà stèidhichte anns an sgìre dèonach an goireas a ghabhail os làimh.

Thuirt St Philips gu bheil na feumalachdan toinnte aig na daoine a bha a' fuireach ann cuide ris an staid anns an robh an togalach a' ciallachadh gun robh e air a bhith air leth doirbh an t-ionad a ruith bhon a ghabh iad thairis e.

A rèir Àrd-oifigear Ghìomhan na companaidh, Tracy Atkins, tha a' bhuidheann ag obair gu dlùth le NHS na Gàidhealtachd airson dèanamh cinnteach gun tèid cùram aig an ìre as àirde a chumail ris na daoine a tha a' fuireach ann tron ghluasad a tha seo.