Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Ceistean às ùr mu phlana Sràid na h-Acadamaidh

Sràid na h-AcadamaidhTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Nochd ceistean ùra mu phlanaichean gus cuid de thrafaig a chasg bho Shràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis is rannsachadh ùr ag ràdh nach biodh luach an airgid ann.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd na planaichean air adhart feuch eimiseanan a ghearradh agus barrachd dhaoine a thàladh a-steach gu meadhan Inbhir Nis, cho math ri daoine a bhrosnachadh a bhith a' coiseachd is a' rothaireachd.

Tha Sràid na h-Acadamaidh tric air nochdadh am measg nan sràidean as miosa ann an Alba a thaobh truaillidh.

Tha na planaichean air a bhith connspaideach bho thùs ge-tà, is dh'iarr an t-ùghdarras ionadail fhèin rannsachadh neo-eisimeileach is iad ag ràdh gun robh iad ag aithneachadh gun robh draghan ann bho ghnothachasan ionadail is feadhainn a tha a' fuireach faisg air làimh.

'S iad a' bhuidheann WSP a rinn an rannsachadh, taobh a-muigh.

Ged a fhuair iad gum faodadh buannachdan eaconamach eadar £1.5m is £4m a bhith ann, nochd iad rabhadh cuideachd mu chosgaisean a bharrachd air gnothachasan is droch bhuaidh air trafaig ann am pàirtean eile den bhaile.

Tha an rannsachadh ag ràdh nach biodh luach an airgid anns na planaichean, le £0.51 ann 'son gach £1 a bhiodh air a chosg.

Conaltradh

Tha gnothachasan a tha a' cur an aghaidh nam planaichean ag ràdh gu bheil ceistean mòra ann mun leasachadh.

"Cha deach bruidhinn ri gnothachasan mar bha a còir", thuirt Iain Dòmhnallach bho BID Inbhir Nis.

"'S iad a' Chomhairle a chuir an rannsachadh seo air adhart is tha e air a dhol ceàrr orra gu ìre.

"Feumaidh iad a-nise bruidhinn ri gnothachasan is èisteachd riutha a thaobh na slighe air adhart", thuirt e.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil an rannsachadh aig WSP a' sealltainn an t-suidheachaidh as miosa a dh'fhaodadh a bhith ann.

Thuirt iad gu bheil iad air am misneachadh leis na tomhasan mu na buannachdan eaconamach is gu bheil iad ag obair gus seirbheisean bus a-steach a mheadhan Inbhir Nis a leasachadh.

Tha iad ag ràdh gun toireadh an leasachadh piseach mòr air meadhan a' bhaile.

Bidh co-chomhairle phoblach ann a-nise mus tèid co-dhùnadh an gluais a' Chomhairle air adhart leis na planaichean.

Thèid an rannsachadh gu lèir fhoillseachadh an seo, taobh a-muigh Dihaoine.