Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Ceann a' Ghiùthsaich fhathast aig a' mhullach

Fo-thiotal a’ bhidio,

Sùil air ais air Baile Ùr an t-Slèibh v Ceann a Ghiùthsaich & Lòbhat v Caol Bhòid

  • Air fhoillseachadh

Rinn Ceann a' Ghiùthsaich a' chùis air Baile Ùr an t-Slèibh 3-1 Disathairne airson fuireach aig mullach Phrìomh Lìog na h-Iomain.

B' e dà phuing chudromach a bh' ann aig a cheann thall le Lòbhat a' dèanamh a chùis air Caol Bhòid gam fàgail san dàrna àite dìreach dà phuing air dheireadh air Ceann a' Ghiùthsaich.

Tha na Sgitheanaich dìreach dà phuing far a' mhullaich cuideachd às dèidh dhaibh buannachadh 2-0 an aghaidh Ghleann Urchadain.

Cha robh tadhal sam bith sa gheam eadar Camanachd an Òbain agus Cabar Fèidh.

Gu leòr dràma an Drochaid an Aonachain

Bha cùisean nas beòthaile ann an Drochaid an Aonachain eadar Loch Abar agus Ceann Loch Seile.

Fhuair Fionnlagh Dòmhnallach a' chiad tadhal dhen gheama do Loch Abar às dèidh dìreach ceithir mionaidean.

Ach abair gun do fhreagair Iain MacRàth a fhuair trì tadhail taobh a-staigh 25 mionaid.

Ach nochd Max Caimbeul agus Ben Delaney le tadhail do Loch Abar san dàrna leth airson cùisean a chuir co-ionnann a-rithist aig 3-3 leis an tadhal aig Delaney a' dol a-steach le 90 mionaid air a' ghleoc.

Fo-thiotal an deilbh,

B' e rocaid a bh' anns a' chiad tadhal aig Cameron Bremnar sa Phrìomh Lìog

Tha Ceann a' Ghiùthsaich fhathast gun chall sa phrìomh lìog is iad a' buannachadh na ceithir geamaichean aca gu ruige seo.

Fhuair iad togail a bharrachd le bhith a' dèanamh a chuis air na nàimhdean aca Baile Ùr an t-Slèibh 3-1.

Bha gaoth làidir aig an Eilean agus a-rèir mhanaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Iain Borthwick bha siud ag adhbhrachadh strì am measg nan cluicheadairean aige.

Dh'aidich Borthwick nach eil e air na cluicheadairean dìon aige fhaicinn a' cluich cho dona siud airson ùine fhada.

'S iad am Bàil' Ùr a chaidh air thoiseach ge-tà nuair a fhuair Anndra Dòmhnallach tadhal às dèidh 10 mionaidean.

Ach bha a' ghaoth a' dol le Ceann a' Ghiùthsaich san dàrna leth agus chuidich siud Ruaridh MacAnndra gus cùisean fhaighinn co-ionnan le mu uair a thìde air a' chluich.

Fhuair Cameron Bremnar tadhal sgoinneal mu fhichead mionaid às dèidh sin Ceann a' Ghiùthsaich a chur air thoiseach - a' chiad tadhal aige aig an ìre sa dhan sgioba.

Agus an uairsin rinn Savio Genini cìnnteach gum biodh e fhèin is an sgioba toirt an dà phuing air ais leotha a Cheann a' Ghiùthsaich.

"Bha againn ri bhith foighdneach"

"'S e geama gu math faisg a bh' ann," thuirt cluicheadair Cheann a' Ghiùthsaich, Iain Friseal.

"Thòisich iadsan uabhasach math le bhith a' faighinn an tadhal aig toiseach a' gheama ach bha fios againn mar a bha a' ghaoth, bha an dàrna leth gu bhith nas fheàrr" thuirt e.

"Mar sin, bha againn ri bhith foighidneach agus a bhith a' gabhail nan cothroman a bh' againn."

A' Ghaoth

Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Iain Robinson aig Baile Ùr an t-Slèibh gun robh buaidh mhòr aig a' ghaoth air a gheam

Chan e Ceann a' Ghiùthsaich a-mhàin a bha mothachail air a' ghaoth làidir aig an Eilean.

"'S e geama gu math cruaidh a bh'ann. Bha gaoth uabhasach mòr ann agus bha e air ar cùlaibh sa chiad leth," thuirt cluicheadair Bhaile Ùr an t-Slèibh, Iain Robinson.

"Bha e acasan san dàrna leth agus chleachd iad i. Feumaidh sinn cumail oirnn ge-tà." thuirt e.

Lòbhat 1-0 Caol Bhòid

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Greg MacMhathain air tadhal a chuir anns a h-uile geam aig Lòbhat air an t-seusan seo

Bha dìreach aon thadhal gu leòr do Lòbhat airson tighinn am bàrr an aghaidh Chaol Bhòid le Greg MacMathain ga fhaighinn.

"Gu follaiseach tha sinn toilichte leis an dà phuing - 's e geama robach a bh' ann," thuirt manaidsear Lòbhat, Jamie MacMhathain.

"Cha do chuidich a' phàirce an dà sgioba le bhith a' cluich iomain mhath a dh'aindeoin 's gun robh dà sgioba làidir a' cluich. Bha faireachdain ann gun robh a' chiad tadhal dol a bhuannachadh an geam."

"Chan e geam àlainn a bh' ann idir ach tha sinn toilichte leis an dà phuing" thuirt e.

"Làidir anns a h-uile àite"

Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Somhairle MacThòmais aig Caol Bhòid gun robh Lòbhat làidir anns a h-uile àite

Dh'fhàg Caol Bhòid Cill Taraglain agus rinn iad an t-slighe sìos an A9 gun phuing sam bith.

"Tha iad làidir anns a' h-uile àite agus tha siud a' dèanamh diofar mòr" thuirt cluicheadair Chaol Bhòid, Somhairle MacThòmais.

"Bha sinn rud beag gann a' tighinn suas an seo. Cha robh Calum Mac a' Mhuilleir no Iain Ceanadach againn ach 's e àite doirbh a th' ann an seo agus cha do chuidich a' phàirce sinn idir.

"Tha sinn air buannachadh agus tilleadh air ais ann an geamaichean ach chan eil sinn 's dòcha air a bhith cho math air beulaibh an tadhail agus tha mi a' smaointinn gum bi siud gu math cudromach dhuinn air an t-seusan seo," thuirt e.

Prìomh Lìog na h-Iomain

Baile Ùr an t-Slèibh 1-3 Ceann a' Ghiùthsaich

Lòbhat 1-0 Caol Bhòid

Gleann Urchadain 0-2 An t-Eilean Sgitheanach

Ceann Loch Seile 3-3 Loch Abar

Camanachd an Òbain 0-0 Cabar Fèidh