Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Cothrom cur às den Chlaimh?

CaoraTùs an deilbh, Comhairle Shealtainn
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann de chroitearan à Leòdhas is na Hearadh air a bhith ann an Sealtainn feuch dè ghabhas ionnsachadh mun Chlaimh am measg chaorach.

Tha a' Chlaimh am measg nan galairean bu ghabhaltaiche am measg chaorach anns an Rìoghachd Aonaichte ach chan eil i na thrioblaid ann an Sealtainn, is obair mhòr a’ leantainn feuch cùisean a chumail mar sin.

Fhuair na croitearan às na h-Eileanan an Iar turas timcheall nan goireasan a th’ aca ann an Sealtainn agus cothrom bruidhinn ri croitearan anns na h-eileanan sin cuideachd.

Tùs an deilbh, Comhairle Shealtainn
Fo-thiotal an deilbh,

Tha bogsaichean sònraichte air an cleachdadh gus caoraich agus beathaichean a ghiùlan air an aiseig a Shealtainn.

Choinnich muinntir Leòdhais agus na Hearadh ris an ‘Shetland Animal Health Team’ - lìghichean-sprèidh às na h-eileanan, tuathanaich, croitearan agus riochdairean Comhairle Shealtainn.

Thuirt Hilary Burgess, comhairliche-sprèidh na comhairle, gun tàinig iad uile còmhla agus gun robh "còmhradh sgoinneil againn mu dheidhinn nan diofar rudan a bha sinn a' dèanamh anns na h-eileanan againn. Dìreach ag ionnsachadh mu dheidhinn na bha a h-uile daoine eile a' dèanamh.”

“Aig dèireadh an là, tha sinn uile a’ strì leis an aon rud, chan eil e a' dèanamh ciall gach duine a bhith a' cruthachadh cuibhle ùr. Bha e uabhasach math gun robh iad còmhla rinn an seo.“

Fo-thiotal an deilbh,

Bha Riseard MacIllinnein am measg nan croitearan a chaidh air an turas.

Tha an sgeama a’ brosnachadh lìghichean-sprèidh Shealtainn a bhith a' cumail sùil gheur air stoc a tha tighinn a-steach dha na h-eileanan, agus tha gach caora a tha air a ghluasad chun nan eilean a' faighinn deuchann airson na Claimh. A bharrachd air seo, tha Comhairle Shealtainn airson amar-dupaidh a chur air doigh airson na coimhearsnachd.

Le 30,000-35,000 caora anns na h-Eileanan an Iar, bhiodh e na bhuannachd mhòr nan cuireadh iad às dhan Chlaimh am measg chaorach an sin. A rèir Ridseird MhicIllinnein - fear de na croitearan a bha air an turas a Shealtainn - chan eil cùisean buileach cho sìmplidh dhaibhsan.

“Ann an Leòdhas agus na Hearadh, tha e [a' Chlaimh] againn. Chan eil e fìor dhona fhathast ach rud sam bith a nì sinne, ’s e feuchainn ri stad a chur air agus nam faigheadh sinn a h-uile beathach a thig a-steach dhan eilean air fuil a thoirt dhiubh, ach am faic sinn a bheil e anns an fhuil aca agus cuideachd in-stealladh agus dupadh a dhèanamh air a h-uile beathach a thig a-steach.

“Ann an dhà no trì bliadhnaichean, tha sinn an dòchas, ’s docha gum faigh sinn air smachd a chur air co-dhiù.”