Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Sturgeon is Salmond aig rannsachadh an A9

A9 aig Dail Chuinnidh
  • Air fhoillseachadh

Nochdaidh dithis sheann Phrìomh Mhinistearan na h-Alba air beulaibh an rannsachaidh air an A9 a dh' aithghearr.

Chaidh innse gun nochd Ailig Salmond agus Nicola Sturgeon air beulaibh na comataidh aig Holyrood anns a' Chèitean far an toir iad seachad fianais.

Thèid an ceasnachadh mun ghealltanas a bh' ann ann an 2011 an rathad eadar Peairt agus Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte.

Airson piseach a thoirt air sàbhailteachd, thug Riaghaltas na h-Alba fon Phrìomh Mhinistear aig an àm, Ailig Salmond, seachad gealltanas gun deadh an A9 a dhèanamh dà-fhillte eadar an dà bhaile.

Chaidh aithris gun tuirt oifigich aig an àm gum biodh an obair deiseil ro 2025.

Ach tha dàil air a bhith sa phròiseact le Brexit, am pandemic agus an cogadh san Ucràin uile gan coireachadh.

Tha ceann-ùine ùr ann a-nise den bhliadhna 2035.

Bheir Mgr Salmond seachad fianais do Chomataidh nan Ath-chuingean Poblach aig Holyrood air an 8mh den Chèitean agus thèid Ms Sturgeon a cheasnachadh air an 29mh den Chèitean.

Thuirt neach-labhairt do Mgr Salmond gur e "sgainneal mòr poilitigeach" a bh 'ann nach deach cumail ris an targaid.

Chaidh beachd iarraidh bhon SNP cuideachd.