Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Ionad a' Ghlinne Mhòir an làmhan na coimhearsnachd

Ionad turasachd a' Ghlinne MhòirTùs an deilbh, Urras na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir
  • Air fhoillseachadh

Shoirbhich le Urras na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir gus ionad turasachd agus cafaidh a' Ghlinne Mhòir a ghabhail os làimh.

Bha an t-urras air tagradh foirmeil a dhèanamh gus na goireasan fhaighinn bho Choilltearachd is Fearann Alba, taobh a-muigh.

Thuirt an t-urras gun robh iad ag iarraidh tuilleadh smachd a thaobh cho-dhùnaidhean san sgìre.

Ann am brath air na meadhanan sòisealta, thug iad taing dhan a h-uile duine a thug taic dhan iomairt aca.

Cha ghabh am post Facebook seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Facebook
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Leum thairis air facebook teachdaireachd le Aviemore and Glenmore Community Trust

Cead do stuth Facebook?

Tha stuth bho Facebook an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Facebook mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Deireadh facebook teachdaireachd le Aviemore and Glenmore Community Trust

Thuirt a' bhuidheann cuideachd gun robh fadachd orra obrachadh le Coilltearachd is Fearann Alba gus piseach a thoirt air cùisean do luchd-turais a bhios a' tadhal air an sgìre.

Tha iad ag ràdh gum bi iad ag amas air tachartasan coimhearsnachd a chur air dòigh agus gum bi iad cuideachd ag obair le com-pàirtichean ann an sgìre a' Ghlinne Mhòir airson turasachd a tha seasmhachd agus a bhios a rèir fheumalachdan na h-àrainneachd a bhrosnachadh.