Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Bile

Tha bile a' dol gu Pàrlamaid na h-Alba an-diugh fom biodh cuideachadh gu bàs laghail air an NHS do dh'fheadhainn air a bheil tinneas deireadh beatha cho fad 's gu bheil an comas eanchainn aca. 'S e Alba a' chiad phàirt den Rìoghachd Aonaichte anns am biodh sin laghail ma thèid gabhail ri bile a' bhuill Lib Deamaich, Liam MacArtair. Tha dragh air feadhainn ge-tà, gun cuireadh a leithid casg air còraichean chiorramach agus feadhainn air a bheil tinneasan inntinn.

Crìonadh

Tha figearan oifigeil a' sealltainn crìonadh beag ann an eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte san dàrna leth den bhliadhna an-uiridh. Thuirt an seansalair, Jeremy Hunt, gur e bliadhna dhoirbh a bha ann an 2023 ach gu bheil plana an riaghaltais ag obair. Thuirt na Làbaraich nach do chum Rishi Sunak ri gealltanas gun toireadh e fàs air an eaconamaidh agus thuirt na Lib Deamaich gu bheil na figearan nan sealladh air a' chron a rinn an riaghaltas air an eaconamaidh.

Angela Rayner

Dh'innis leas-cheannard nan Làbarach, Angela Rayner, dhan BhBC nach foillsich i fiosrachadh mu a cùisean cìse pearsanta mura dèan buill-phàrlamaid Thòraidheach an dearbh rud. Thuirt Poilis Greater Manchester gu bheil iad ag ath-sgrùdadh co-dhùnadh nach biodh iad a' rannsachadh chasaidean gun do dh'innis Ms Rayner breugan nuair a bha i a' reic taighe. Thuirt ise a-rithist nach do rinn i dad ceàrr.

PSO

Tha an t-seirbheis-adhair eadar Beinn na Faoghla agus Steòrnabhagh a' sguir feasgar an-diugh gun chinnt cuine a thòisicheas cùmhnant ùr. Thug Comhairle nan Eilean Siar cùmhnant, fo òrdugh PSO, do Hebridean Air Services agus bha sin ri tòiseachadh an ath-sheachdain, ach chan eil clàr-ama no dòigh air tiocaid a cheannach air làrach-lìn na companaidh. Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar am measg na tha a' togail dragh mun t-suidheachadh.

Aiseag Chille Chòmhain

Tha muinntir Àird nam Murchan a' coinneachadh ri ceannard ChalMac an-diugh a dheasbad na seirbheis aiseig eadar Chille Chòmhain agus Muile. Tha dùil gun till am bàta as àbhaist a bhith ann, an Loch Linnhe, a-màireach ach fhad 's a bha i air falbh, cha robh ann ach seirbheis do luchd-siubhail air chois. Tha muinntir na sgìre ag ràdh nach eil sin math gu leòr.

Tidsear Chille Chòmhain

Ach tha sgìre Chille Chòmhain a' faighinn tidseir ùir an dèidh do phàrantan gabhail gu na meadhanan-sòisealta airson tidseir dhan bhun-sgoil anns a bheil còig daoine deug de chloinne. Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun deach tidsear làn-ùine fhastadh.