Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Tòisichidh seirbheis adhair ùr HAS air 12mh den Ghiblean

itealan
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Hebridean Air Services gun tòisich an t-seirbheis adhair ùr eadar Beinn na Fadhla agus Steòrnabhagh air an 12mh den Ghiblean 2024.

Tòisichidh siostam bucaidh na seirbheis air loidhne an ceann 48u.

Sguir seirbhis adhair Loganair eadar an dà àite feasgar Diardaoin.

Fhuair Hebridean Air Services cùmhnant bho Chomhairle nan Eilean Siar.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar am measg na tha air a bhith a' togail dragh mun t-suidheachadh gun dearbhadh air a bhith ann mun t-seirbheis ùir.

Seirbheis fo òrdugh poblach (PSO) a tha seo.

Thuirt cathraiche còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, air Aithris na Maidne anns a' Mhàirt gun robh Hebridean Air Services le dòchas gun tèid aca air seirbheisean a ruith trì là san t-seachdain, an àite an dà là san t-seachdain a tha ri fhaotainn fo chùmhnant Loganair aig an ìre seo.

Dragh mu mheud an itealain

Ach 's e itealan Islander a bhios iad a' cur an sàs, itealan a tha comasach air ochdnar luchd-siubhail a ghiùlain bho seo a-mach, gu math nas lugha na plèanaichean Loganair.

Thog Bòrd Slàinte nan Eilean Siar dragh mun dàil leis an t-seirbheis ùir agus buaidh air euslaintich a bhios a' siubhal a dh'Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

Thuirt am bòrd gur e briseadh dùil a bh' ann aig an ìre seo nach deadh aca air euslaintich a chlàradh air seirbheisan itealain, leis nach eil an clàr-ama air fhoillseachadh fhathast.

Tha am bòrd ag ràdh gum bi iad ag obair còmhla ri euslaintich agus daoine eile air a bheil seo a' toirt buaidh.

Thuirt Hebridean Air Services gun deadh aca air daoine a tha cleachdadh cathraichean-cuibhle a' ghiùlain mas urrainn dhaibh faighinn air bòrd an itealain gun chuideachadh no le cuideachadh bho neach a tha a' siubhal còmhla riutha.

Thuirt iad cuideachd nach deadh cuideam dhaoine a bhios a' siubhal air na seirbheisean aca idir a thomhais.

Bha cuid air teagamh a thogail air sàilleabh meud nan itealan.