Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Cion thadhail is cion misneachd do dh'Alba

Conor BradleyTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Conor Bradley tadhal do dh' Èirinn a Tuath sa chiad leth.

  • Air fhoillseachadh

Alba 0 - 1 Èirinn a Tuath

Lean sreath na h-Alba gun buannachadh gu seachd geamannan às dèidh dhaibh call tadhal gu neoini ri Èirinn a Tuath aig Hampden.

Bha cuideam air na h-Albannaich an geama a bhuannachadh as dèidh droinneadh ann an Amsterdam anns a' gheama mu dheireadh aca.

Dh’fhaodadh gun tug sin buaidh air taghadh Steve Clarke. Bha gu leòr an dòchas Lawrence Shankland fhaicinn a-rithist, agus cluicheadairean leithid Lewis Fearghastan a' faighinn cothrom bho’n fhìor thoiseach.

Cha robh ann ach dà atharrachadh bhon sgioba a thòisich ann an Amsterdam ge ta, agus dithis a tha gu math eòlach aig an ìre seo cuideachd. Liam Cooper a’ gabhail àite Ryan Porteous, agus nas cudromaiche buileach, Lyndon Dykes an àite Lawrence Shankland.

Tùs an deilbh, Reuters

Fiù's bho na fuinn nàiseanta, bha nàdar de shradag anns a' gheama seo. A' chiad turas a choinnich na sgiobaidhean ann an naoi bliadhna. Thòisich Alba gu misneachail, a'cumail greim air a' bhall airson pàirtean mòra den gheama. Ach cha b’urrainn dhaibh cothroman glan a chruthachadh.

A dh’aindeoin còrr air 80% den bhall a bhith aig Alba, Èirinn a Tuath a chaidh air thoiseach as dèidh an leth-uair leis a' chiad oidhirp aca air tadhal Aonghas Gunn. Mearachd aig a chùl bho Nathan Patterson a toirt cothrom do Chonor Bradley aig Liverpool greim fhaighinn air a' bhall. Gheàrr esan a-steach a mheadhan na pàirce air iomall a' bhogsa, agus le chas dheis, leig e às oidhirp a thug suathadh far Jack Hendry, agus a chaidh àrd don oisein. Mar chlach as an adhar, bha Sgioba Steve Clarke air dheireadh.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Twitter
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le BBC Sport Scotland

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le BBC Sport Scotland

Bha buille cha mhòr a cheart cho dona ann as dèidh sin. Chaidh an sgiobair, Anndra Robasdan a leòn mu adhbrann ann an ionnsaigh, goirid ron tadhal. B’fheudar dha tighinn far na pàirce le Lewis Fearghastan a’ gabhail àite. Bha an t-arm tartain airson sealladh fhaighinn air sgiobair Bhologna, ach chan ann mar seo.

Cha robh mòran den bhall aig na h-Èireannaich ron seo, ach bha e follaiseach gun robh an tadhal air am misneachadh. Bha còir aca a bhith air an dàrna tadhal fhaighinn goirid ro leth-ùine. Am ball a’ tuiteam gu Shea Charles anns a' bhogsa, ach an oidhirp aige a’ siubhal seachad air a' phost. Faochadh do dh’Alba.

Ged a thòisich na h-Albannaich an darna leth le beagan de chabhaig, bha an aon thrioblaid aca sa bha roimhe - cothroman glan a chruthachadh. Thàinig fear bho bhreab-saor John McGinn a ràinig Liam Cooper an teis-meadhan a' bhogsa, ach cha b’urrainn dha a chùis a dheanamh air an loidhne dìon no fear-glèidhidh nan Èireannach.

Tùs an deilbh, PA

Thàinig na h-atharrachaidhean an uairsin bho Steve Clarke. Nam measg Stuart Armstrong – a bha cluiche airson an 50mh turas do dh’Alba. Leis a' chiad shuathadh aige, chuir e saor-bhreab domhainn chun a' phuist cùil, ach cha b’urrainn do Jack Hendry a stiùireadh air an targaid.

Atharrachadh eile, agus se Lawrence Shankland a thàinig air, agus thuit cothrom thuigesan cuideachd. Breab oisein a-steach air a ghnogadh thuige le Kenny McLean, agus ged a thionndaidh Shankland gus lasadh air an tadhal, bha Brodie Spencer san àite cheart aig an àm cheart gus an sgioba aige a chumail air thoiseach.

Bha cothrom no dhà eile ann do dh’Alba goirid ron deireadh. Armstrong le ball a-steach bhon làimh chlì. Che Adams ga shuathadh air adhart gu Lewis Fearghastan, agus an oidhirp aigesan air an targaid air a shàbhaladh gu snasail le Peacock-Farrell. Goirid as dèidh sin, cha mhòr nach do ghlac Lawrence Shankland am fear-glèidhidh pìos math far na loidhne aige, ach bha an oidhirp far cheann a' chluicheadair aghaidh ro àrd – agus e a’ dol seachad air a' mhaide tarsainn.

Tùs an deilbh, Reuters

Agus sin mar a chrìochnaich e. Alba a-nise air sreath de sheachd gheamannan gun buannachadh – agus air naoi tadhal deug a leigeil a-steach san t-sreath sin.

Cothrom caillte chanadh cuid anns a' gheama seo ach oidhche a bh’ann far nach do chruthaich Alba mòran de chothroman sam bith. Dè chaidh ionnsachadh bhon gheama sa agus Amsterdam? Gheibh sinn a-mach nuair a dh’ainmicheas Steve Clarke an sguad aige airson na Gearmailt ann am beagan sheachdainean.

Cha ghabh am post Instagram seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Instagram
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air instagram teachdaireachd le bbcspors

Cead do stuth Instagram?

Tha stuth bho Instagram an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Instagram mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh instagram teachdaireachd le bbcspors