Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

Mèirle nan soidhnichean an Loch Abar ga rannsachadh

Rathad nan EileanTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba a' rannsachadh mar a chaidh an t-uabhas de shoidhnichean rathaid a ghoid ann an Loch Abar nas tràithe air a' mhìos.

Tha beachd ann gur dòcha gun deach na soidhnichean a ghoid airson a' mheatailt a reic.

Dhearbh na poilis gun deach falbh le 36 soidhnichean uile gu lèir eadar Gleann Fhionnainn is Àrasaig air rathad an A830 ann an Loch Abar.

'S iad na soidhnichean fhèin a chaidh a ghoid oir tha na pòlaichean fhathast air fhàgail.

Tha na poilis den bheachd gun do thachair seo eadar an 15mh is an 17mh den Mhàrt.

Am measg nan loidhnichean air a bheil iad a' coimhead, 's e gun robh mèirlich airson a' mheatailt a reic.

Tha Poileas Alba airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic dad amharasach no aig a bheil dealbhan dash-cam.

Bu chòir fios a chur thuca tro 101 air neo tro Crimestoppers is àireamh CR/0101488/24 a thoirt seachad.