Svoboda | Graniru | BBC Russia | Golosameriki | Facebook

CnES mì-thoilichte le plana aiseagan nan eilean

MV Loch SeaforthTùs an deilbh, CMAL
  • Air fhoillseachadh

Nochd Comhairle nan Eilean Siar mì-thoileachas mòr le plana Riaghaltas na h-Alba airson seirbheisean aiseig nan eilean.

Ann am freagairt do cho-chomhairle air, tha an t-ùghdarras ionadail a' cur às leth an Riaghaltais nach eil iad ach a' moladh mar a ghabhas dèiligeadh ris a' chrìonadh ann an seirbheisean aiseig, seach ro-innleachd a chur air adhart airson an leasachadh ceart.

Chuir buill na Comhairle an taic ri freagairt an ùghdarrais aig coinneimh de Chomataidh na Còmhdhail a chaidh a chumail ann am Bhatarsaigh Diciadain.

"Tòrr de na rudan a bha san dà phlana mu dheireadh cha deach iad a dh'àite," thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig a' Chomhairle, Ùisdean Robasdan.

"Tha sinn a' smaoineachdainn gur e seo a chaidh air beulaibh oirnn a-rithist - tòrr ghealltanas de rudan a tha a' dol a thachairt, ach gun clàr-ama de sheòrsa sam bith air a chur mu choinneimh.

"Tha e draghail dhuinne chan e a-mhàin a thaobh a' bhun-structair, ach na h-aiseagan fhèin.

"Tha sinn aig ìre far a bheil sinn a' faighinn an aon bhrath-naidheachd mu na sia aiseagan a tha seo fad an t-siubhail, ach thairis air sin chan eil sinn a' faicinn dad a' gluasad.

"Tha sin gu math draghail dhuinn.

"Chan eil soithichean gu leòr ann. Tha fhios aig a h-uile duine mu dheidhinn sin.

"Tha iad an-dràsta a' cluich le rudan a thaobh faraidhean 's rudan eile airson 's dòcha ann an dòigh gun sgreamhaich iad feadhainn o bhith a' siubhal, 'son nach bi na h-uimhir a' siubhal.

"Chan eil sinne idir idir idir airson gun tòisich iad a' cluich le faraidhean, gum biodh faradh air leth ann do dh'eileanaich fhèin 's an uair sin faradh cus nas àirde do luchd-turais is feadhainn mar sin a bhios a' tighinn a-steach dhan àite - daoine a tha gu math feumail dhuinn a thaobh na h-eaconamaidh againn," thuirt e.

'Island Proofing'

Tha a' Chomhairle cuideachd draghail nach eil guth air 'Island Proofing' - an t-amas gum bi beachd air a thoirt seachad air mar a tha poileasaidhean ùra a' toirt buaidh air coimhearsnachdan eileanach.

"Tha sinn air a bhith mothachail air sin ann an iomadh cuspair thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad," thuirt Mgr Robasdan.

"Luchd-iùil fhèin mar eisimpleir aig a' phort-adhair.

"Ach tha sinn ga fhaicinn an lùib taigheadais, 's a h-uile rud a th' ann.

"Ged a tha seo ann, chan eil sinn a' faicinn gu bheil tòrr de na buidhnean a tha còir coimhead ris a' coimhead ris, agus nach eil dad air atharrachadh.

"Tha sin na bhriseadh-dùil uabhasach dhuinn.

"Bha dùil againn gun dèanadh e diofar mòr a thaobh coimhead ris na feumalachdan a bharrachd a bh' aig eileanaich," thuirt e.